Dealbhan is fiosrachadh a dhìth air Tobar an Dualchais
- Air fhoillseachadh

Tha obair ùrachaidh ga dèanamh an-dràsta air làrach-lìn Tobar an Dualchais.
Sin an tasglann air-loidhne de sheann chlàraidhean fuaime - gu h-àraid òrain is sgeulachdan - ann an cànanan na h-Alba, agus mòran dheth sa Ghàidhlig.
Mar phàirt den ùrachadh, thathar ag iarraidh air daoine fiosrachadh is dealbhan sam bith de na daoine a tha a' bruidhinn no a' seinn sna clàraidhean air-loidhne a chur gu sgioba Tobar an Dualchais airson a dhol an-àirde air an làraich-lìn ùir.
"Nuair a chaidh Tobar an Dualchais a stèidheachadh an toiseach bha sinn a' putadh gus na clàran fhaighinn air-loidhne, agus sin am prìomh fhòcas a bh' againn," thuirt stiùiriche a' phròiseict, Flòraidh Forrest.
"Ach a-niste a' dol air ais tha sinn a' faireachdainn gu bheil sinn a' call cuid de na sgeulachdan air cùlaibh nan clàran leis nach eil sinn cho eòlach air na daoine.
"Mar a tha ùine a' gluasad air adhart tha sin a' falbh sna coimhearsnachdan, so bu mhath leinn feuchainn fhad 's a tha cothrom againn am fiosrachadh seo a chruinneachadh agus a chur air-loidhne.
"Bu thoil leinn sgeulachdan sam bith a th' aig daoine agus rudeigin a dh'innseadh dhuinn cò leis a bha iad coltach.
"An-dràsta tha sinn a' cumail fiosrachaidh air cuin a rugadh iad, 's cuin a bhàsaich cuid dhiubh, agus ma dh'fhaoidte ma 's e croitear no iasgair a bh' annta.
"Ach chan eil sin dha-rìribh ag innse dhuinn gu leòr mu dheidhinn nan daoine fhèin.
"Chòrdadh e leinn barrachd fhiosrachaidh phearsanta fhaighinn.
"Tha sinn a' dèanamh iomairt an-dràsta air na meadhanan sòisealta, air Facebook, agus air Instagram agus air Twitter, tha sinn a' cur fiosrachaidh a-mach ag iarraidh air daoine dealbhan sam bith a th' aca, agus fiosrachadh a chur thugainne tro na dòighean sin, no a chur thugainn air post-dealain," thuirt i.
Tha fiosrachadh cuideachd ga thoirt do na comainn eachdraidh agus do na pàipearan-naidheachd ionadail feuch stuthan fhaighinn.