Rabhadh bhon Phrìomh Mhinistear mu Chovid-19
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr am Prìomh Mhinistear air coimhearsnachdan eileanach a bhith furachail mun coròna-bhìoras.
Tha seo a' tighinn às dèidh dhen àireamh de dhaoine air an tàinig an galar ann an Arcaibh air èirigh.
Tha dùil gum faodadh e a bhith air co-dhiù naoinear agus tha deuchainnean air dearbhadh gu bheil e air cuid aca sin.
Ron deireadh-sheachdain a dh'fhalbh, bha faisg air dà mhìos air a dhol seachad bho bha cùis dhearbhte aig NHS Arcaibh, agus b' e naoi cùisean a bh' aig an sgìre uile gu lèir.
Thuirt Nicola Sturgeon: "Airson greisean matha, chan eil cùisean ùra air nochdadh anns na h-eileanan agus dh'fhaodadh daoine a bhith a' faireachdainn sàbhailte, ach feumaidh iad cuimhneachadh gu bheil cunnart ann fhathast agus bu chòir dhaibh cumail ri riaghailtean co-cheangailte ris a' bhìoras."
Cha tàinig atharrachadh sam bith air àireamhan NHS nan Eilean Siar no NHS na Gàidhealtachd Diardaoin.
Tha 388 cùis air a bhith air a' Ghàidhealtachd, le seachd dearbhte anns na h-Eileanan Siar.