Boireannaich le gainnead cosnaidh ann an spòrs

Mar phàirt de sgrùdadh a rinn am BBC le boireannaich a th'aig àrd ìre ann an spòrs, chaidh dragh a thogail mun ìre de chosnadh a tha a chuid mhòr dhiubh a' faighinn.

Dh'innis còrr air an treas cuid nach robh iad a' faighinn teachd a-steach sam bith, le 60% ag ràdh gu bheil iad a' cosnadh nas lugha na £10,000 not sa bhliadhna bho spòrs.

Tha barrachd aig Ruairidh Alasdair MacIllinnein.