Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim a' leigeil seachad cùis Home Farm

  • Air fhoillseachadh
Home farm

Thuirt Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim gu bheil iad air a' chùis lagha gus cead a bhith a' ruith dachaigh-cùraim Home Farm anns an Eilean Sgitheanach a thoirt bho HC-One a leigeil seachad.

Thuirt Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim gu bheil iad riaraichte leis an adhartas a tha air tighinn air an ìre de chùram a thathar a' toirt seachad aig Home Farm ann am Port Rìgh.

Chaochail 10 de luchd-còmhnaidh na dachaigh-cùraim le COVID-19 - agus dearbhadh ann gu robh am bhìoras air 30 neach-còmhnaidh uile gu lèir agus air 29 de luchd-obrach na dachaigh.

Anns a' Chèitean, dh' iarr Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim gun deadh cead airson a bhith a' ruith na dachaigh-cùraim a thoirt bhon chompanaidh cùraim HC-One.

Bha dragh mòr ann mun dòigh às an robh iad ga ruith agus an seòrsa cùram a bhathar a' toirt seachad innte.

Chaidh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd an sàs ann a bhith a' ruith dachaigh Home Farm fhad 's a bha a' chùis-lagh a' leantainn.

Thuirt neach-labhairt bhon bhuidhinn sgrùdaidh gun deach adhartas gu leòr a dhèanamh agus gun deach dèiligeadh ris an dragh a bh' ann mun chunnart a bh' ann do luchd-còmhnaidh.

Air na h-adhbharan sin, thuirt iad gu bheil iad a-nis air a' chùis-lagha a leigeil seachad.