Obair Ghàidhlig anns na Hearadh
- Air fhoillseachadh

Tha Urras Cheann a Tuath na Hearadh a' sireadh neach le Gàidhlig 'son a bhith nam maor-dùthcha san sgìre.
Ged a tha maor-dùthcha air a bhith aca 'son treis, 's e seo a' chiad turas a bhios obair ann gu sònraichte 'son cuideigin le Gàidhlig.
Gu dearbh, 's e seo a' chiad uair a tha an t-Urras air duine a tha fileanta sa chànan iarraidh ann an dreuchd sam bith.
Ùidh
"An turas seo nuair a bha sinn a' beachdachadh air cò gheibheadh sinn, bha sinn den bheachd gum biodh e math cuideigin a bha fileanta ann an Gàidhlig a chur dhan dreuchd", thuirt Cathraiche an Urrais, Calum MacAoidh.
"Tha maor-dùthcha a' toirt dhaoine a-mach dhan choimhearsnachd is dhan àrainneachd is a' cur ghnothaichean air dòigh le daoine aig a bheil ùidh san àrainneachd.
"Bha tòrr de na daoine leis am biodh e ag obair, bha ùidh aca sa Ghàidhlig agus bha sinn a' meas gum biodh e iomchaidh cuideigin a tha fileanta ann an Gàidhlig fhaighinn airson na dreuchd", thuirt e.
Agallamh le Calum MacAoidh bho Urras Cheann a Tuath na Hearadh.
Thàinig taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig agus Dualchas Nàdair na h-Alba 'son seo a dhèanamh.
Thuirt Mgr MacAoidh gum bu mhiann leis an Urras barrachd a dhèanamh a thaobh obraichean far am biodh Gàidhlig riatanach, ach gum bi seo a rèir taic-airgid.
"'S e am prìomh dhòigh anns am b'urrainn dhuinn an obair seo a chur air dòigh, 's e gun d' fhuair sinn an taic-airgid seo bho bhuidhnean eile a tha ag obair còmhla rinn.
Ceann-là
"Ach gu cinnteach tha barrachd ùidh aig daoine anns an àrainneachd mun cuairt orra agus sa chànan cuideachd, agus bhiodh e math nam b' urrainn dhuinn barrachd a dhèanamh gu bhith a' brosnachadh ùidh san àrainneachd mun cuairt oirnn agus sa chànan fhèin cuideachd anns na bliadhnaichean a tha romhainn", thuirt e.
Feumaidh tagraidhean airson na h-obrach a bhith a-staigh ro dheireadh an là Dihaoine.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo, taobh a-muigh.