Binn de cho-dhiù 55 bliadhna airson Hashem Abedi
- Air fhoillseachadh

Chaidh Hashem Abedi a chur an grèim ann an Libya an là às dèidh na ionnsaigh
Chaidh binn de cho-dhiù 55 bliadhna air bràthair bomair Arena Mhanchester airson 22 duine a mhurt.
Bha Eilidh NicLeòid, 14, à Barraigh nam measg.
Dh'obraich Hashem Abedi, 23, còmhla ri a bhràthair Salman, gus stuthan fhaighinn airson am boma a dhèanamh.
"A' cheart cho ciontach"
Chaidh a dhìteadh an dèidh dhan chùirt cluinntinn gun robh e "a' cheart cho ciontach" ri a bhràthair airson na h-ionnsaigh boma aig deireadh cuirm le Ariana Grande.
Dhiùlt e a chealla fhàgail airson an dìtidh, 's an Old Bailey ann an Lunnainn a' cluinntinn fianais bho theaghlaichean a chaill càirdean.
Thuirt am britheamh Mgr Jeremy Baker nach robh cumhachd aige toirt air Abedi a bhith an làthair sa chùirt.

Chaidh Eilidh NicLeòid, 14 bliadhna a dh'aois, chun chuirm ann am Manchester còmhla ri caraid dhi
Chaidh brath sgrìobhte bho phàrantan Eilidh NicLeòid a leughadh Diciadain is iad ag ràdh nach eil là a' dol seachad gun bhròn agus strì.
Chaidh na ceudan de dhaoine a leòn nuair a spreadh Salman e fhèin aig consairt Ariana Grande aig Arena Mhanchester sa Chèitean 2017.
"Eucoir uabhasach"
Thuirt am britheamh gur e "eucoir uabhasach le buaidh eagallach" a bh' ann an ionnsaigh Mhanchester.
Dh'innis e dha Abedi gum bi e anns a' phrìosan airson co-dhiù 55 bliadhna ach gur dòcha nach tèid a shaoradh a chaoidh.
Cha robh e ceadaichte òrdugh beatha a chur air seach gun robh e na b' òige na 21 nuair a ghabh an ionnsaigh àite.
Chaidh Abedi, a rugadh ann am Manchester, a Libya ron ionnsaigh.
Chuirear an grèim e goirid às dèidh na h-ionnsaigh agus chaidh a thilleadh a Bhreatainn.
Thuirt am Prìomhaire Boris Johnson gur e "ionnsaigh eagallach agus gealtach" a bh' ann an ionnsaigh Mhanchester a bha ag amas air cloinnn is teaghlaichean.