Slighe ùr do luchd-coiseachd

Chuala sinn tric is minig mu na buannachdan a tha an lùib a bhith a' dol a-mach a choiseachd - gu seachd àraid aig toiseach an lockdown.

Ach chan eil sinn furasta dhan a h-uile duine agus anns a h-uile sgìre. 'S iomadh àite a th'air slighean coiseachd a chomharrachadh a dh'aona-ghnothaich son sin.

Am measg na th' air an leithid a dhèanamh, tha baile àraich na tè-naidheachd againn, Eilidh NicLeòid, agus chaidh i ann gus cluinntinn mu phlana gus slighe nas fhaide buileach fhosgladh do luchd-coiseachd air taobh siar Leòdhais