Naidheachdan 11:00m

Covid-19

Tha cabhag air luchd-turais Breatannach ann an Croatia tilleadh dhan Rìoghachd Aonaichte mus tèid riaghailtean quarantine an sàs aig ceithir uairean sa mhadainn a-màireach. Tha e coltach gu bheil còrr 's fichead mìle Breatannach ann an Croatia an-dràsta agus gun ach fìor chorra sheirbheis adhair air a' chlàr-ama ro mhadainn a-màireach. Thug Riaghaltas na h-Alba Croatia còmhla ris an Ostair, Trinidad agus Tobago, agus an Eilbhis far liosta nan dùthchannan a tha saor bho riaghailtean siubhail Covid-19.

Bomair Logarbaidh

Thòisich èisteachd laghail anns a' chiad ìre de dh'oidhirp ùr air cur às dhan dìteadh an aghaidh Abdelbaset Ali al-Megrahi nach maireann airson spreadhadh Logarbaidh. Tha sin an dèidh co-dhùnadh Chomisean Ath-Sgrùdaidh Chùisean Eucoir na h-Alba gur dòcha gun deach ana-cheartas a dhèanamh air Mgr Megrahi. Ged a chaochail esan bho chionn ochd bliadhna, tha a' chuis ùr seo an ainm a mhic. Tha dithis àrd bhritheamhan na h-Alba, agus triùir bhritheamhan eile, os cionn na h-èisteachd bhiortail.

Còmhraidhean malairt

Thuirt àrd-bharganaicheadh an Aonaidh Eòrpaich air Brexit, Michel Barnier, gu bheil e na iognadh agus na bhriseadh-dùil dha nach eil adhartas anns na còmhraidhean malairt. Thuirt Mgr Barnier, an dèidh dha coinneachadh ri riochdaire Bhreatainn, David Frost, sa mhadainn an-diugh, gur e glè bheag de dh'ùine a th' ann airson aonta a dhèanamh.

Fiachan

Chaidh fiachan poblach na Rìoghachd Aonaichte os cionn dà trillean not airson a' chiad uair a-riamh a rèir nam figearan às ùire bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta. Thuirt an ONS gun robh, air a' mhìos seo chaidh, ochd thar fhichead billean not a bharrachd air iasad na bha aig an àm seo an-uiridh agus an riaghaltas a' cosg airgid air an eaconomaidh a chuideachadh tro chrìonadh a' choròna-bhìorais.

Tòraidhean na h-Alba

Thuirt ceannard ùr nan Tòraidhean ann an Alba, Dùbhghlas Ros, gun toir e sùil às ùr air manifesto airson taghaidhean na h-Alba sa Chèitean an ath-bhliadhna. Agus thuirt e, ann an agallamh dhan BhBC, nach bi leisg sam bith air Boris Johnson a chàineadh ma bhios e den bheachd nach eil am Prìomhaire a' dèanamh a dhleasdanas do dh'Alba

Bradan

Chaidh tuathanas bhradan ann an Earra-Ghàidheal a mhilleadh anns an droch shìde an-dè. Thuirt MOWI, dham buin tuathanas Cheann a Tuath Chàradail gun do tharraing na deich chèidsichean na h-acairean, agus ged a ghluais iad mu ochd ceud meatair, gu bheil iad tèarainte a-niste. Tha mu leth mhillean iasg anns na cèidsichean agus tha dragh air buidhnean àrainneachd gum bi cuid dhe air teicheadh a-mach chun na mara ged a tha MOWI ag ràdh nach eil dearbhadh sam bith ann air sin. Thuirt MOWI gun tug iad gu aire Marine Scotland e agus gun dèan iad sgrùdadh air na cèidsichean cho luath 's thig aimsir nas fheàrr.