Cùisean Covid ùra air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Chaidh trì cùisean ùra de Chovid-19 a dhearbhadh ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd Dihaoine.
Nochd seachd cùisean ùra anns an sgìre bho Dhiluain, a-rèir àireamhan Riaghaltas na h-Alba.
Bha dà chùis aig bun-sgoiltean ann an Inbhir Nis.
Thàinig e air sgoilear aig Bun-sgoil Dhail an Eich agus air tidsear aig Bun-sgoil Chill Mhìlidh.
A' bruidhinn ris na meadhanan, thuirt am Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gu bheil e cudromach a ràdh ged a tha cùisean ceangailte ri sgoiltean nach eil am bhìoras air a bhith a' sgapadh ann an seòmraichean teagaisg.