Sàbhalaidhean de £6.6m a dhìth aig CNES

  • Air fhoillseachadh
Comhairle nan Eilean Siar

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' tomhais gum bi aca ri sàbhalaidhean luach £6.6m a lorg thairis air an dà bhliadhna a tha romhainn.

Tha còrr air £4m dhen seo ri linn cosgais Covid-19.

Tha a' Chomhairle a' coimhead ri diofar roghainnean airson a' bheàrn seo a lìonadh.

Tha cosgais Covid-19 a' tighinn anns a' mhòr-chuid bho theachd a-steach a tha a' Chomhairle air a chall agus cuideachd na tha iad air a chosg airson smachd fhaighinn air agus daoine a chumail sàbhailte.

Gheall Riaghaltas na h-Alba £1.7m airson cuideachadh le cosgaisean Covid-19.

Tha barrachd ghearraidhean am measg nan roghainnean a th' aig a' Chomhairle airson a' bheàrn ionmhais a lìonadh.

Dh'fhaodadh iad cuideachd airgead a chaidh a chur mu seach a chleachdadh is tuilleadh taic iarraidh bho Holyrood.