'Prìomhachas' air PSO an Gallaibh

  • Air fhoillseachadh
ItealanTùs an deilbh, Eastern Airways
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh seirbheisean-adhair Inbhir Ùige a tharraing anns na mìosan mu dheireadh.

Às dèidh do dh'obair-leasachaidh air an A9 aig Bràigh Bhearghadail tighinn gu ceann, tha BPA ionadail ag ràdh gum feum prìomhachas a-nise a dhol air seirbheisean-adhair Ghallaibh.

Dh'fhosgail pìos ùr den A9 aig Bràigh Bhearghadail Dihaoine, is gearanan air a bhith fad bhliadhnaichean mu cho cas agus lùbach 's a bha an rathad, agus mu na bh' ann de thubaistean.

Chosg an obair-leasachaidh £9.6m.

Chuir Gail Ros BPA fàilte air sin ach thuirt i gu bheil feum a-nise air seirbheisean-adhair a leasachadh.

Anns na mìosan mu dheireadh tha Eastern Airways air an t-seirbheis aca eadar Inbhir Ùige is Obar Dheathain a tharraing, is Loganair air an t-seirbheis a bh' acasan eadar Inbhir Ùige is Dùn Èideann a chur an dàrna taobh.

Dh'fhàg seo gu bheil an sgìre a-niste às aonais cheangail-adhair ri gin de bhailtean mòra na h-Alba.

Fada

Tha cuid ag iarraidh gun tèid òrdugh PSO a chur an sàs gus na seirbheisean a stèidheachadh às ùr agus a dhìon.

Thuirt Gail Ros gu bheil cruaidh fheum air an leithid.

"Tha sinn ag obair airson PSO fhaighinn gus na seirbheisean fhaighinn air ais agus dìon a chur orra.

"Tha e a' toirt cho fada siubhail eadar Gallaibh is meadhan na h-Alba. Tha e mu ochd uairean a thìde air trèana agus as t-samhradh gu sònraichte, cha mhòr an aon rud sa chàr.

"Tha sin an coimeas ri 50 mionaid ann am plèana. Tha e a' dèanamh diofar mòr an dà chuid do dhaoine a tha ag obair san sgìre agus do luchd-turais", thuirt i.

Dh'innis i gu bheil còmhraidhean air tòiseachadh is gu bheil i dòchasach, ach dh'aidich i gun toir e ùine PSO a chur air dòigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo