Slighe ùr am meadhan Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
BusTùs an deilbh, Mike Pennington / Geograph

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil atharrachadh san amharc timcheall air stèisean nam busaichean ann an Inbhir Nis.

Thèid slighe ùr do bhusaichean a-mhàin a chruthachadh gus an stèisean a cheangal ri Sràid Ròis.

Aig an ìre seo, feumaidh busaichean a tha a' fàgail stèisean nam busaichean a dhol slighe Sràid na h-Acadamaidh.

Thuirt a' Chomhairle gun tèid ùine siubhail a ghearradh agus gun toir an leasachadh suas ri ochd busaichean gach uair a thìde far Sràid na h-Acadamaidh.

Truailleadh

Tha an t-sràid am measg an fheadhainn as miosa ann an Alba a thaobh truailleadh an aidheir.

Aig an dearbh àm, thèid slighe eile do bhusaichean a-mhàin a chruthachadh eadar Ospadal an Rathaig Mhòir agus Raon Taigheadais an Rathaig Mhòir.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil obair-dealbhachaidh air tòiseachadh is gu bheilear an dòchas gum fosgail na slighean an ceann trì mìosan.

Thàinig taic-airgid £440,000 bho Riaghaltas na h-Alba airson na slighean a chruthachadh.