Mì-chinnt mu obair Loch nam Madadh
- Air fhoillseachadh

Nochd mi-chìnnt às ùr mu na tha an dàn do phròiseact leasachaidh air cidhe Loch nam Madadh.
Thug Comhairle nan Eilean Siar cùmhnant £10m do chompanaidh a tha stèidhichte ann an Èirinn, L&M Keating, aig toiseach na bliadhna.
Tha seo mar phàirt de phròiseact gus na cidheachan ann an Loch nam Madadh, ann an Ùig agus air an Tairbeart a leudachadh agus a leasachadh is aiseag ùr gu bhith air an t-slighe.
Bhathas an dùil an toiseach gum biodh an obair ann an Loch nam Madadh dèante as t-earrach 2021.
Covid-19
Stad an obair-ullachaidh sa Mhàirt ge-tà, ri linn a' Choròna-bhìorais.
Ged a thill luchd-obrach às ùr san Ògmhios, stad an obair a-rithist san Iuchar rè-ùine.
Aig an dearbh àm, tha aithrisean ann an Èirinn gu bheil Keating fo chunnart agus teagamh ann an cuir iad crìoch air obair a th' aca an sin.
Tha seo cuideachd a' toirt buaidh air companaidh ann an Uibhist fhèin, MacAulay Askernish Earranta, aig a bheil fo-chùmhnant bho Keating.
Fuasgladh
Tha am BBC a' tuigsinn nach d'fhuair iad pàigheadh idir thuige seo is iad a' feitheamh ris na ceudan mhìltean notaichean.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad ag obair le L&M Keating airson fuasgladh fhaighinn air an t-suidheachadh le dòchas ma thig sin gun tòisich an obair às ùr an ath-mhìos.
Dh'innis iad nan tachradh sin, gum bi iad ag amas air an obair a chrìochnachadh as t-foghar 2021.
Thuirt iad mura tèid freagairt a lorg ge-tà, gun coimhead iad fhèin agus Còmhdhail Alba air a' chùmhnant a chur a-mach gu tairgse a-rithist, rud a chuireadh dàil eile air an obair-leasachaidh.
Briseadh-dùil
Dh'innis cathraiche Comataidh Comhdhail na Comhairle, Ùisdean Robasdan, gu bheil an suidheachadh na bhriseadh-dùil, ach gu bheil e an dùil gun tig soillearachadh air a' chùis anns na ceithir seachdainean ri thighinn.
Thuirt an Comh. Robasdan gu bheil e làn misneachd gum bi an cidhe deiseil airson an aiseig ùir a bhios air an t-slighe eadar Loch nam Madadh, an Tairbeart is Ùig.
Tha ceistean a' leantainn mun phròiseact sin cuideachd agus an obair gu math air dheireadh agus fada thairis air a' bhuidseat a bh' ann bho thùs.
Nochd aithris an t-seachdain seo chaidh gum bi trì bliadhna ann mus bi an dà aiseag ùr a thathas a' togail deiseil.