Leasachadh Inbhir Ùige
Chuir luchd-gnìomhachais agus muinntir Inbhir Ùige fàilte air obair a tha san amharc gus coltas nas fheàrr a thoirt air a'phrìomh shràid anns a' bhaile.
Tha a' bhuidheann Sustrans a'sireadh bheachdan dhaoine air na planaichean aca.
Am measg eile, tha iad a' moladh prìomhachas a thoirt do luchd-coiseachd agus baidhseagal agus ceangal nas fhollaisiche a dhèanamh le dualchas Inbhir Ùige.
Seo Eileen NicDhòmhnaill.