County ag ullachadh 'son luchd-taic

  • Air fhoillseachadh
Global Energy StadiumTùs an deilbh, SNS

Dh'innis Ross County gu bheil iad air ullachadh a thòiseachadh mu choinneamh luchd-taic a bhith a' tilleadh dhan Global Energy Stadium.

Tha Riaghaltas na h-Alba air leigeil fhaicinn gu bheil iad a' coimhead ri meadhan na Sultaine airson luchd-leantainn a bhith air ais ann am pàircean na dùthcha.

Thuirt iad gum bi àireamhan air an cuingealachadh is gun tèid astarachadh-sòisealta a chur an sàs.

Dh'innis am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gu bheilear a' coimhead ri sgeamaichean pìleat a dhèanamh ann an cuid de dh'àiteachan ro-làimhe.

Bidh 700 neach-taic aig a' gheama rugbaidh eadar Dùn Èideann is Glaschu aig Murrayfield Dihaoine, a' chiad turas a bhios luchd-taic aig tachartas spòrs ann an Alba ann an grunn mhìosan.

Deuchainn

Bha Celtic airson deuchainn a dhèanamh Didòmhnaich le suas ri 1,000 duine aig a' gheama aca an aghaidh Thobar na Màthar.

Chaidh an tagradh aca a dhiùltadh le Riaghaltas na h-Alba.

Tha County ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' còmhradh ris an Riaghaltas is gu bheil iad air an Global Energy Stadium a chur air adhart mar àite far am faodadh sgeama pìleat a bhith ann.

Thuirt iad gu bheil iad sa chiad dol a-mach ag ullachadh airson fàilte a chur air luchd-taic le ticeadan-seusain.

Dh'innis an club nach e co-dhùnadh acasan a bhios ann cia mheud a gheibh cothrom is gum bi taghadh duilich romhpa.

Air-loidhne

Gheall iad fios a chumail ri luchd-taic nuair a gheibh iad tuilleadh fiosrachaidh.

Tha na Staggies cuideachd a' sireadh fiosrachadh bho luchd-taic le ticeadan-seusain a tha a' tighinn gu geamaichean mar theaghlach no le daoine eile a tha a' fuireach còmhla riutha.

Thuirt iad gun cuidich seo iad le planaichean a chur air dòigh.

Gheibhear an ceisteachan an seo, taobh a-muigh.

San eadar-ama tha cothrom aig luchd-leantainn pàigheadh airson geamaichean a choimhead beò air-loidhne.