Taigh-bìdh an Inbhir Nis dùinte ri linn Chovid-19
- Air fhoillseachadh

Tha taigh-bìdh an Inbhir Nis air dùnadh gu h-eadar-amail às dèidh mar a thàinig an Coròna-bhìoras air fear den luchd-obrach.
Thuirt Pizza Express gun do sheall deuchainn gun robh am bhìoras air an duine às dèidh dha cumail fa leth bho dhaoine eile fad cola-deug is e air tadhal air an Roinn Eòrpa.
Cha robh comharran a' bhìorais air.
Dh'innis Pizza Express gun do ghluais iad "gu sgiobalta" nuair a fhuair iad fios.
Tha an taigh-bìdh a-nise dùinte fhad 's a thèid glanadh mionaideach a dhèanamh.
Sàbhailteachd
Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad air fios a chur air na h-ùghdarrasan mun t-suidheachadh.
"'S e sàbhailteachd nan sgiobaidhean agus luchd-cleachdaidh againn am prìomh amas a th' againn", thuirt tè-labhairt bhon chompanaidh.
"Ged nach robh comharran Chovid air an duine, chaidh deuchainn a dhèanamh às dèidh dha cumail fa leth bho dhaoine eile 'son cola-deug is e air tilleadh bhon Roinn Eòrpa, is sheall seo gun robh am bhìoras air.
"Tha sinn a' conaltradh ris fhèin agus an còrr den sgioba gus taic a chumail riutha", thuirt i.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd ann an suidheachaidhean far a bheil cùisean den bhìoras air an dearbhadh gun tòisich iad air obair-sgrùdaidh a thaobh daoine eile a dh'fhaodadh a bhith ceangailte riutha, is gun tèid comhairle is stiùireadh a thoirt seachad.