Sgiobaidhean rugbaidh na h-Alba a tilleadh a thrèanadh
- Air fhoillseachadh
Rugby nam ban
Bha aig inbhich a tha an sàs ann an spòrs a leithid rugbaidh agus ball-coise aig ìre amaitearach ri coimhead bho astar nuair a thill cluicheadairean teanais agus goilf dha na raointean-cluiche aca aig deireadh a' Chèitein.
Ged a bha casg ChOVID-19 an aghaidh cuid de spòrsan air an lasachadh bho chionn trì mìosan, bha draghan ann mu shuidheachaidhean anns am biodh daoine a' làimhseachadh feadhainn eile a' ciallachadh gum feumadh spòrsan eile feitheamh.
Mu dheireadh, air Diardaoin an 20mh den Lùnastal, nochd naidheachd air an robh mòran luchd-spòrs a' feitheamh.
Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gum biodh cead aig cluicheadairean de aois sam bith cruinneachadh ann an sgiobaidhean airson trèanadh bho Dhiluain an 24mh den mhìos.
Chan fhaodadh còrr is 15 neach trèanadh ann an aon bhuidhinn, ach 's e gu leòr a tha sin airson sgioba ball-coise neo rugbaidh.

Am measg nan comann a thill airson obair air neart, pàtaranan cluiche agus sgilean leis a' bhall Diluain, bha Cartha Queen's Park ann an ceann a deas bhaile Ghlaschu.
'S e seo comann a tha stèidhichte aig pàirc nach eil ach mu cheud slat air falbh bho chluba goilf Haggs Castle.
Cha bhiodh aig cluicheadairean nan sgiobaidhean a bhios a' tighinn fo bhratach Cartha Queen's Park a' coimhead air an raon-goilf le farmad tuilleadh.
Coltach ris an fheadhainn a tha air a bhith ag obair air na sgilean aca aig Haggs Castle thar nam mìosan mu dheireadh, bidh cothroman ann a-nis obair air sgilean rugbaidh anns an àm ri teachd.

Anns na làithean ro ChOVID-19, bhiodh sgioba nam ban aig Cartha Queen's Park a' trèanadh còmhla a h-uile Diluain agus Diciadain.
Aig na seiseanan a bhios air an cumail anns an àm ti teachd agus ri linn a' Choròna-bhìorais, thig atharrachaidhean air trèanadh airson cumail ri riaghailtean slàinte agus sàbhailteachd.
Aig 6:30f., nochd a' chiad sheat de chluicheadairean.
Bòtannan orra mar as àbhaist, ach deuchainn airson teas gach cluicheadair a thomhas cuideachd.
Aon às dèidh aonan, chaidh teas gach tè a chlàradh.
Ullachadh
Chan ann ach às dèidh sin a bhiodh cothrom aig an sgioba coiseachd air an lèanaig agus tòiseachadh air ullachadh air seusan rugbaidh a thathar an dòchas a thòisicheas anns na seachdainean ri thighinn.
Thill Iona NicGilleBhàin a thrèanadh leis an sgioba agus i toilichte an cothrom fhaighinn sabaid airson ball a-rithist.
"Tha e a' faireachdainn cho math, ach tha e cho neònach", thuirt i.
"Tha mi a' faireachdainn mar gu bheil mi air planaid eile! Tha am feur rèidh agus tha e air a bhith air a ghearradh.
"Chan eil sinn air a sin fhaicinn ann an Glaschu airson mhìosan agus tha mi an dòchas gun urrain dhomh ball fhathast a ghlacadh!"
Nochd tè eile, Ella Scarr, aig an sgioba airson na ciad uaireach agus i ag amas a bhith an sàs ann an sgioba gu cunbhalach leis gu bheil an cothrom ann a-rithist.
"'S ann airson sin a tha mi an seo an-diugh. Tha mi ag iarraidh a bhith a' dèanamh rudeigin as urrainn dhomh a chumail suas", thuirt Ella.

Chuir an sgioba còrr agus uair a thìde seachad fo sholas na grèine ag obair air sgilean a thathar an dòchas a chleachdadh gu farpaiseach nuair a thòisicheas seusan ùr an spòrs.
Do dh'Iona b' e cothrom a bh' ann a bhith ag eacarsaich aig ìre nas àirde na tha air a bhith ceadaichte anns na mìosan a chaidh seachad.
"Abair là a bha againn!", thuirt i.
"Bha i cho blàth agus tha mi fhàthast ga fhaireachdainn, ach tha e math dìreach a bhith a-muigh agus a bhith a' dèanamh rudeigin an àite a dhol a-mach a' ruith neo anns an flat agam fhèin."
Bidh i fhèin - agus iomadh cluicheadair aig sgiobaidhean amaitearach eile air feadh na dùthcha - an dòchas tilleadh dhan chleachdadh de bhith a' cluich agus a' trèanadh còmhla gu cunbhalach, agus a' tilleadh chun na h-ìre aig an robh iad ron bhriseadh fhada nan cuid spòrsan.