"Crìonadh" le seirbheisean Chomhairle Mhoireibh
- Air fhoillseachadh

Thàinig crìonadh nach beag air seirbheisean Chomhairle Mhoireibh thairis air a' chòig bliadhna mu dheireadh, a rèir aithisg le buidhinn-faire chosgaisean nan ùghdarrasan ionadail.
Thuirt Coimisean nan Cunntasan gum feum co-dhùnaidhean doirbh a bhith air an dèanamh gus piseach a thoirt air seirbheisean san sgìre.
Thog an aithisg gu sònraichte air ìrean ìosal de choileanadh ann am foghlam anns "an oighreachd sgoiltean as miosa an Alba".
Thuirt a' bhuidheann gum feum gach cuid comhairlichean agus oifigich obrachadh còmhla gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh 's a dhèanamh cinnteach gum bi ionmhas na comhairle seasmhach.
Dh'aidich ceannard na comhairle, Graham Leadbitter, gur e droch aithisg a th' ann, ach thuirt e gu bheil an t-ùghdarras a' dèanamh oidhirp dèiligeadh ri cùisean.