Naidheachdan 11:00

Christchurch

Chaidh binn beatha sa phrìosan, gun parole, air an duine a mharbh 51 Muslamach ann an ionnsaighean ceannairc ann an New Zealand. Sin a' bhinn as truime a tha ceadaichte ann an siostam lagha na dùthcha. Thug Brenton Tarrant às Astràilia, a tha 29, ionnsaigh le gunna air luchd-adhraidh aig dà mhosc ann an Christchurch.

Comhairle na Gàidhealtachd

Chuir ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Margaret Davidson, dìon air an ùghdarras ionadail agus connspaid ann mu thuarastail agus ionmhas àrd luchd-obrach. Tha feadhainn a' càineadh na comhairle airson cha mhòr £1,000 san là a thoirt do cheannard foghlaim eadar-amail, agus tha e air tighinn am follais gum faigh fear a bha na stiùiriche cha mhòr £500,000 na làimh an dèidh a dhreuchd fhàgail le atharrachdh ann an structar an ùghdarrais. Chaidh Ms Davidson às àicheadh gur e "golden handshake" a tha sin agus thuirt i gun tèid airgead a chaomhnadh le atharrachadh air structar.

Comhairle Mhoireibh

Tha aithisg bho Chomisean a' Chunntais an-diugh ag ràdh gum feum Comhairle Mhoireibh co-dhùnaidhean doirbh a dhèanamh airson leasachadh a thoirt air seirbeisean is goireasan poblach. Tha an aithisg ag ràdh gu bheil crìonadh follaiseach air a bhith ann bho chionn còig bliadhna agus iad a' togail gu h-àraid air an droch staid anns a bheil toglaichean sgoile Mhoireibh.

Cion-cosnaidh

Tha dragh ann gun èirich cion-cosnaidh am measg òigridh na h-Alba chun na h-ire as motha a-riamh - 140,000 - ro dheireadh na bliadhna. Sin beachd an Institiud airson Rannsachadh air Poileasaidh Poblach ann an Alba a tha ag ràdh gum feum Riaghltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mòran a bharrachd a dhèanamh do dhaoine òga na dh'ainmich iad gu ruige seo.

Rest and Be Thankful

Chaidh coinneamh buidheann-obrach rathad an A83 aig an Rest and Be Thankful ann an Earra-Ghàidheal a thoirt air adhart chun an-diugh. Tha Rùnaire Còmhdhail na h-Alba, Mìcheal MacMhathain, sa chathair le ceangal bhideo à Glaschu. Tha mì-thoileachas mòr ann gu bheil an rathad fhathast dùinte, an dèidh maoim-slèibhe mhòr eile aig toiseach na mìos agus chuir luchd-poileataigs bho gach pàrtaidh litir fhosgailte gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh fuasgladh maireannach.