Fàilte air naidheachd an Rest and Be Thankful
- Air fhoillseachadh

Tha obair a' leantainn aig an A83.
Chaidh fàilte a chur air an naidheachd bho Riaghaltas na h-Alba gun cuir iad an A83 air slighe ùir seachad air an Rest and Be Thankful.
Thuirt Rùnaire na Còmhdhail gum bu chòir gum bi na planaichean ullamh ro dheireadh na bliadhna.
Tha am prìomh rathad tro mheadhan Earra-Ghàidheal fhathast dùinte, 's seann rathad an Airm ga chleachdadh na àite, an dèidh maoim-slèibhe mòire aig toiseach na mìos.
Tha BEAR ALBA ag obair a dh'ionnsaigh an rathad fhosgladh às ùr air an ath-mhìos.
Thuirt Leas-Phròbhast Earra-Ghàidheal, Ruairidh MacCuthais, gu bheil e toilichte mun naidheachd ach gun iarradh e clàr-ama cinnteach.