Gearraidhean aig Mowi
- Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh bhradan Mowi, aig a bheil làraich air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, am beachd 10% a ghearradh far àireamh an luchd-obrach thar an ath cheithir bliadhna.
Bha na prothaidean aca sìos air an dàrna cairteal dhen bhliadhna, seach mar a bha an-uiridh agus cha phàigh iad sian a' chiad ghreis dhan fheadhainn aig a bheil earrannan sa chompanaidh.
Tha Mowi a' cur coire air buaidh Covid-19 a bharrachd air tinneasan am measg an èisg an Alba.
Bha am prothaidean airson a' chairteal mu dheireadh sìos £100m air an aon àm an-uiridh.
Bha tòrr dhen seo ri linn buaidh Covid-19.
Thuit na prìsean, dh'fhalbh tòrr dhe na margaidean aca, gu h-àraid ann an Àisia, is chaidh prìs a' bhradain fhèin sios.
Trioblaidean
Ann an Alba, bha trioblaidean mòra aca le tinneasan is bradain a' bàsachadh, leithid mar a thachair ann an Uibhist a Deas bho chionn ghoirid.
Agus an t-seachdain a chaidh, chaill iad 50,000 bradan ann an Càradal faisg air Ceann Loch Chille Chiarain nuair a bhris stoirm tè dhe na tuathan-èisg aca an sin.
Ach ged nach robh àiteachan-bìdhe a' ceannach an cuid stuth thairis air lockdown bha bùithean bidhe. 'S chaidh prothaidean 's an roinn sin suas 200%.
Prothaidean
Rinn sin na h-uimhir a dh'fheum, ach tha an roinn sin sa chompanaidh fhathast cho beag agus nach dèanadh e suas airson na chaill iad anns na roinnean eile.
Chaidh na prothaidean aca sìos ann an Canada, Nirribhidh, Alba, agus ann an Chile.
B' e Èirinn an aon àite far an do rinn iad prothaid is sin far a bheil iad a' dèanamh am bradan organach.
Tha 1,500 luchd obrach aig a' chompanaidh an Alba.
Ma ghearras iad 10% thairis air na roinnean uile gu lèir, caillidh 150 neach an cosnadh an Alba thar an ath cheithir bliadhna.
'S e biadh an èisg is luchd-obrach na cosgaisean as motha a th' orra agus tha iad ag ràdh gum feum iad na cosgaisean a tha sin a thoirt a-nuas.