Dragh mu aithisg Home Farm

  • Air fhoillseachadh
Dachaidh-cùraim Home Farm

Tha teaghlaichean draghail mu na nochd ann an aithisgean a dh'fhoillsich Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim Diardaoin mu dhachaigh-chùraim Home Farm ann am Port Rìgh.

Nochd na h-aithisgean air an dearbh là 's a dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun tèid an dachaigh-chùraim - anns an do bhàsaich deichnear le Covid-19 as t-samhradh - a cheannach le NHS na Gàidhealtachd.

Thuirt na h-aithisgean gun deach innse dhan luchd-sgrùdaidh gun robh a' mhòr-chuid den luchd-obrach còir agus cuideachail, gun robh dragh ann nach robh spèis ga toirt dha cuid den luchd-còmhnaidh.

Am measg nan draghan a nochd bha gun deach dorsan aca fosgailte fhad 's a bha cùram pearsanta ga thoirt seachad, agus nach deach taic a chumail ri cuid den luchd-còmhnaidh nach b' urrainn biadh neo deoch a ghabhail gun chuideachadh.

Fhuaireas cuideachd gun do chaill cuid den luchd-còmhnaidh cuideam fhad 's a bha Covid-19 a' sgapadh.

Salach

Nochd draghan cuideachd gun deach luchd-còmhnaidh fhàgail nan salachar fhèin - rud a bha na chunnart do shlàinte dhaoine.

Chaill an Comhairliche Iain Gòrdan athair san dachaigh-chùraim le Covid-19.

"Tha thu air d'fhàgail a' faireachdainn cionntach agus gort mu dheidhinn. Gun robh e a' fuireach ann an suidheachadh mar seo agus nach robh fios againn na bha a' dol air adhart, tha e cho doirbh agus draghail a' leughadh na h-aithisg", thuirt e.

Tha Mgr Gòrdan ag ràdh gum feum ceistean doirbh a bhith air am freagairt fhathast mu ciamar a b'urrainn dhan leithid tachairt.

Chuir Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim fàilte air an naidheachd gun tèid an dachaigh a ghabhail thairis le NHS na Gàidhealtachd.

Thuirt fear-labhairt bhon bhuidhinn gu bheil e cudromach gun aithnich daoine gun tàinig piseach air an ìre de chùram a bhathas a' toirt seachad ann an Home Farm sna beagan mhìosan a dh'fhalbh.

Thug HC-One taing dha NHS na Gàidhealtachd airson an taic a thug iad dhaibh thairis air an ùine sin, agus thuirt iad gun robh iad misneachail gun tèid gu math dhan dachaigh-chùraim fo smachd an ùghdarrais.