Dragh mu bhanaichean-campachaidh
Tha Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh ag iomairt airson lagh a chumas smachd air an àireimh de bhanaichean-campachaidh a tha a' tighinn dhan eilean.
Bhon a thòisich luchd-turais a' siubhal dha na Hearadh a-rithist tha muinntir an àite air a bhith a' gearain mun sgudal a tha na bhanaichean a' fàgail às an dèidh, agus mar a tha iad a' parcadh is a' campachadh gun chead, agus an dol-a-mach mì-iomchaidh aig cuid den luchd-turais.
Seo Ruairidh Rothach.