Camerathan CCTV briste an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

'S ann air Sràid a' Chaisteil a bha an dol a-mach mì-shòisealta.
Tha comhairliche Gàidhealach a' togail cheist mu mar a tha còrr is 12 camarathan CCTV briste ann am meadhan baile Inbhir Nis agus, a rèir choltais, tha cuid dhiubh air a bhith briste fad 4 bliadhna.
Thuirt an Comh. Donnchadh Mac a' Phearsain gun do dh'innis Poileas Alba dha nach robh cuid de na camarathan ag obair, nuair a thog esan dragh mu dhol a-mach mì-shòisealta anns a' bhaile air an deireadh-sheachdain.
Tha esan a' tuigsinn gu bheil Poileas Alba a' sgrùdadh nan dealbhan a tha a' tighinn bho na camarathan, ach gur e Co-bhanntachd Sàbhailteachd Coimhearsnachd Inbhir Nis a tha a' ruith na seirbeis.
Deatamach
Chunnaic Mgr Mac a' Phearsain dol a-mach mì-shòisealta air Sràid a' Chaisteil sa bhaile oidhche Shathairne.
"Mura b' e gun robh daoine air fiolmadh na thachair air na fònaichean-làimhe aca, cha bhiodh sian air a ghlacadh air camara.
"Feumar seo a chur ceart, 's tha e deatamach gum bi CCTV ann airson sàbhailteachd an t-sluaigh.
"Bu chòir a chur ceart cho luath 's a ghabhas", thuirt e.