Còignear le Covid-19 ann am Baile nan Granndach
- Air fhoillseachadh

Dhearbh NHS na Gàidhealtachd gu bheil còignear le Covid-19 ann am Baile nan Granndach.
Thathas a' nis a cur fios gu daoine a bha faisg orra agus thèid iarraidh orra sin cumail air falbh bho dhaoine eile.
Thuirt Stiùiriche Slàinte a' Phobaill aig NHS na Gàidhealtachd, an Dtr Tim Allison, gum bu chòir do dhaoine cuimhneachadh gum faod am bhìoras nochdadh a-rithist fiù 's ann an coimhearsnachdan dùthchail 's mar sin gum bu chòir cumail ris na riaghailtean a thaobh astarachadh sòisealta.
"Cleachd còmhdach-aodainn ma tha sibh a-staigh ann an àite trang, nigh ar lamhan tric, agus ma thig comharran den bhìoras oirbh, cùm air falbh bho dhaoine eile", thuirt e.