Tùsanaich Bhenesuela a' fulaing ri linn mèinnearachd
Tha tùsanaich ann am Bhenesuela a' fulang gu mòr ri linn mèinnearachd laghail agus mì-laghail anns na sgìrean aca.
Ged a tha an riaghaltas ag ràdh nach eil an obair aca a' dèanamh cron air an àrainneachd, tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil e a' dèanamh sgrios air a' choille-uisge, gu bheil airgead-beò a' truailleadh nan aibhnichean agus gu bheil slainte dhaoine a' fulang.
Ann an aithisg dh'innse an UN gu bheil smachd aig eucoirich air an sgìre agus gu bheil na feachdan armaichte a' co-obrachadh riutha.
Tha creideas airson nan dealbhan-adhair a' dol gu @RodolfoGerstl.