Sluaghan tùsanach Cholombia fo chunnart

Saoil càite a bheil 'cridh an t-saoghail'?

Uill, a-rèir nan sluaghan tùsanach san sgìre co-dhiù, tha ann an Colombia ann an Aimeireagaidh a Deas.

Tha e ann am beanntan Sierra Nevada de Santa Marta, agus cumadh crìdhe orra ma chìthear bho gu h-àrd.

'S iad cuideachd na beanntan as àirde air an t-saoghal, a tha ri taobh na mara.

Bha an sgìre fo dhìon san lagh ann an Colombia, ach a-nis tha na sluaghan tùsanach fo chunnart an sin a-rithist.