Sgrùdadh Covid-19 aig Àrd-sgoil Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
- Air fhoillseachadh
Dhearbh Bòrd Slàinte Ghlaschu is Chluaidh gu bheil iad ri sgrùdadh ann an Àrd-sgoil Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu airson lorg fhaighinn air daoine a bha faisg air feadhainn air a bheil Covid-19.
Tha daoine a bha faisg air duine leis a' bhìoras gan comhairleachadh iad fhèin a cumail fà leth bho chàich.
A-rèir a' Bhùird Slàinte chan eil fianais ann gu bheil am bhìoras a' sgaoileadh san sgoil fhèin, agus tha cead aig daoine nach d'fhuair fios sonraichte a bhi a' frithealadh na sgoile mar is àbhaist.