Ath-bhreithneachadh air iasgach ann an Linne Ratharsair

  • Air fhoillseachadh
mùsgan-caol

Tha iasgairean clèibh san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse ag iarraidh ath-bhreithneachaidh cùirte, às dèidh mar a dhiùlt Roinn Mara na h-Alba sgeama pìleat fheuchainn, a chuireadh casg buileach air tràlairean mùsgan-caol a bhith ag iasgach ann an Linne Ratharsair.

Ach tha iasgairean nan tràlairean ag ràdh gum bu chòir a' chùis fhàgail mar a tha i, le còirichean aig gach taobh.

An dràsta chan fhaod tràlairean mùsgan-caol iasgach ann a Linne Ratharsair bhon an Dàmhair chun a Mhàirt.

Casg

Ach bha iasgairean nan clèibh a' moladh casg buileach a chur orra airson dà bhliadhna, feuch am biodh soirbheachas aca le bhith a' glacadh mhùsgain-caoil le clèibh a mhàin.

Bho chionn dà bhliadhna dhiùlt Buidheann Mara an Riaghaltais moladh airson sgeama pìleat, ged a bha iasgairean nan clèibh ag ràdh gun robh an t-iarrtas a-rèir riaghailtean a chuir a' bhuidheann fhèin a-mach.

Chaidh Buidheann na Mara gu conaltradh poblach mun a chùis an uiridh, agus thuirt an riaghaltas a-rèir nam beachdan a fhuair iad nach leigeadh iad an sgeama air adhart.

Ach thuirt Caidreachas Iasgairean Chlèibh na h-Alba gun robh Buidheann na Mara a' taobhadh ri iasgairean nan tràlairean, agus tha iad ag iarraidh ath-bhreithneachadh sa chùirt air mar a dh'obraich an riaghaltas cùisean.

Thuirt an riaghaltas nach bruidhinn iad air a' chùis leis gu bheil e dol dhan chùirt 's tha dùil gur ann an ath bhliadhna a' nochdas an ath-bhreithneachaidh.

Thuirt labhraiche iasgairean nan clèibh, Bally Philp, gun robh iadsan airson dearbhadh le iasgach chlèibh a mhàin, gun deadh mùsgain-caola nas motha a ghlacadh, nach deadh iasg eile a' sgrios, agus gum biodh an stoc seasmhach, a' cumail cosnadh ri sgìrean iomallach airson iomadach bliadhna ri teachd.