Gach Rothach air baidhseagal ann an 32 là
- Air fhoillseachadh

'Se Beinn Nibheis a' bheinn is àirde an Alba agus am measg an fheadhainn a dhìrich Donnie leis a' bhaidhseagal.
Rinn fear às an Eilean Sgitheanach a' chùis air na beanntan as àirde ann an Alba - na Rothaich - a dhìreadh agus chaidh e eadar iad air baidhseagal neo a' ruith fad 32 là.
Bha Donnie Caimbeul, a tha 35, seachdain nas luaithe na Stephen Pyke, a rinn a' chùis orra uile ann an 2010.

Donnie Caimbeul agus a bhean Raonaid
A' sgrìobhadh air Twitter, agus e air a' bheinn mu dheireadh aige a dhìreadh aig 0600 madainn an-diugh, thuirt e gun robh e cho sgìth ri seann chù, ach air a dhòigh glan.