Naidheachdan 11:00
Glasadh
Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gur beag leatha a bhith a' cur riaghailtean lockdown às ùr air sgìrean de thaobh siar na h-Alba ach gur e rabhadh a th' ann dhan a h-uile duine. Tha mu ochd ceud duine eadar Glaschu, Taobh Siar Shiorrachd Dhùn Bhreatainn agus Taobh Sear Shiorrachd Rinn Friù nach fhaod a dhol gu taighean eile, mar dhòigh air stad a chur air Covid-19. Thèid sùil a thoirt air na riaghailtean sin an ath-sheachdain a-rithist.
A' Ghrèig
Tha Riaghaltas na h-Alba, agus na trì dùthchannan fèin-riaghailte eile, ann an còmhradh ri Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mu riaghailtean quarantine ùra do luchd-siubhail. Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gu bheil quarantine fad ceala-deug a-niste ro luchd-siubhail a' tighinn a dh'Alba às a' Ghrèig leis mar a tha àrdachadh ann an cùisean na bhìorais san dùthaich sin.
Prògram an riaghaltais
Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air plana riaghlaidh bliadhnail a' Phrìomh Mhinisteir. Ceasnaichidh na ceannardan dùbhlanach Nicola Sturgeon mu na planaichean a dh'fhoillsich i an-dè agus gu h-àraidh mun ullachadh airson referendum eile a dh'fhaodadh a bhith ann air neo-eisimeileachd na h-Alba.
Làbaraich na h-Alba
Dh'fhàg fear de na buill Làbarach ann am Pàrlamaid na h-Alba being-aghaidh a' phàrtaidh agus dh'iarr e air a' cheannard, Richard Leonard, a dhreuchd fhàgail. Chuir James Kelly bhuaithe a dheuchd mar fhear-labhairt nan Làbarach air ceartas agus e a' cur teagamh anns na ceannardan. Tha dithis bhall Làbarach eile, Jenny Marra agus Daniel Johnson, iad fhèin a' gearain mu cheannas a' phàrtaidh. Thuirt Mgr Leonard gur e briseadh-dùil a tha sin.
Charlie Hebdo
Chaidh ceithir duine deug mu choinneimh na cùirte ann am Paris an-diugh co-cheangailte ris an ionnsaigh cheannairceach air oifis na h-iris Charlie Hebdo, agus air bùth Iùdhach sa bhaile. Chaidh seachd duine deug a mharbhadh nuair a thug triùir Islamach le gunnaichean ionnsaigh orra san Fhaoilleach ann an 2015.
An t-Eilean Sgitheanaich
Tha Ball-Pàrlamaid an Eilein Sgitheanaich am measg na tha ag iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd tuilleadh chumhachd, sa chiad àite, a thoirt dhan na comataidhean ionadail. Tha feadhainn ag iarraidh comhaile air leth dhan Eilean Sgitheanach no do Thaobh Siar na Gàidhealtachd. Thuirt Iain Blackford, gum feum co-chomhairle tòiseachadh air structar ùr do riaghladh ionadail air a' Ghàidhealtachd, oir gu bheil, na bheachd-san, sgìre na comhairle ro mhòr agus a' cur bacadh air deamocrasaidh.