Home Farm ga cheannach le NHS na Gàidhealtachd

Thèid dachaidh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh, far an robh sgapadh mharbhteach dhen a chorònabhìoras, a cheannach le NHS na Gàidhealtachd.

A'foillseachadh an naidheachd, thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman gum faigh am bòrd slàinte £900,000 bhon a Riaghaltas airson an cuideachadh an dachaidh cùraim a ghabhail thairis bho HC-One. Chaochail deichnear dhen a luchd-còmhnaidh nuair a sgap Covid-19 ann a Home Farm na bu thraithe am bliadhna. Aig a cheart am an diugh dh'fhoillsich buidhean sgrùdaidh a chùraim aithisgean a rinn dubh chàineadh air ìre a chùraim ann a Home Farm.

Tha Alasdair Macleòid air a bhith a sireadh bheachdan ionadail air a sin agus air a naidheachadh gun gabh NHS na Gàidhealtachd thairis an dachaidh cùraim.