Rannsachadh poblach mu ionnsaigh Arena Mhanchester
- Air fhoillseachadh

Tòisichidh rannsachadh poblach Diluain mun spreadhadh aig Arena Mhanchester far an deach 22 duine a mharbhadh.
Bha deugaire òg à Barraigh, Eilidh NicLeòid, am measg na chaill am beatha san ionnsaigh.
Bha Eilidh, 14 bliadhna a dh'aois, air siubhail dhan bhaile gu cuirm-chiùil Ariana Grande sa Chèitean 2017.
Spreadh Salman Abedi, aois 22, boma nuair a bha daoine a' fàgail na cuirm.
A thuilleadh air an 22 a chaidh a mharbhadh chaidh na ceudan eile a ghoirteachadh.
Bha dùil gun tòisicheadh an sgrùdadh san Ògmhios ach chaidh dàil a chur air a sin ri linn cùis lagha bràthair Abedi, Hashem, a fhuair binn prìosain de co-dhiù 55 bliadhna airson 22 duine a mhort.
Rannsachadh farsaing
Tha an rannsachadh poblach ga chumail ann an Cùirt nam Maighstearan Lagha ann am Manchester, nas lugha na mìle air falbh bho làrach an spreadhaidh.
Bidh an rannsachadh nas fharsainge na sgrùdadh a' Mhorair Kerslake mu mar a dhèilig na seirbheisean èiginn ris an ionnsaigh.
Cho-dhùin sin sa Mhàirt 2018 gu robh fàiligidhean air a bhith ann.
Bidh an rannsachadh seo, leis a' choronair Sir John Saunders aig an stiùir, a' sgrùdadh na thachair ron an ionnsaigh, na thachair air latha na h-ionnsaigh, an gabhadh an ionnsaigh a bhith air a sheachnadh, mar a dhèilig na seirbheisean èiginn ris na thachair agus dè a dh'fhàg Salman Abedi le beachdan radaigeach.
Cluinnear cuideachd mu mar a bhàsaich gach neach a chaill am beatha agus cluinnear fianais phearsanta mu gach duine.
Tha dùil gum mair an sgrùdadh mu shia mìosan.