Fireannach air bàsachadh às dèidh tubaist rathaid an Gallaibh
- Air fhoillseachadh

Chaochail fireannach às dèidh tubaist rathaid faisg air Inbhir Ùige Là na Sàbaid.
Thachair an tubaist anns an robh carbad Vauxhall Vectra glas an-sàs, air rathad an A99 aig Drochaid Freswick.
Chaidh an duine, aois 32, a thoirt a dh'Ospadal Ghallaibh far an do bhàsaich e.
Chaidh boireannach, aois 26, agus leanabh, trì mìosan a dh'aois, a thoirt dhan ospadal ann an Inbhir Ùige cuideachd is iad air an droch ghoirteachadh.
Thugar nighean, aois 3 agus dithis bhalach, 6 agus 8 bliadhna a dh'aois, dhan ospadal cuideachd is iad air an leòn. Cha robh iad air an droch ghoirteachadh.
Chaidh iad uile a ghluasad a dh'Ospadal Rìoghail Obar Dheathain às deidh làimh.
Bha an rathad dùinte airson timcheall air seachd uairean de thìde fhad 's a bha rannsachadh nam poileas a leantainn.
Rannsachadh
Rinn na poilis tagradh airson luchd-fianais agus dealbhan dash-cam airson an cuideachadh.
Thuirt an Sàirdseant Kate Park, bho Aonad Rathaidean nam Poileas: "Tha ar smuaintean le teaghlaichean agus caraidean an fheadhainn a bha san tubaist.
"Bha an carbad a' siubhal gu deas a dh'ionnsaigh Inbhir Ùige nuair a thachair an tubaist, ach a rèir na ciad sgrùdaidhean againn tha coltas ann gur dòcha gun robh an càr a' siubhal gu tuath goirid ron tubaist agus gun do thionndaidh e air ais gu deas.
"Tha e cudromach gum bruidhinn sinn ri fianaisaichean gus làn shealladh fhaighinn air na thachair. Tha sinn airson bruidhinn ri duine sam bith a dh'fhaodadh a bhith air an càr fhaicinn agus nach eil air bruidhinn ri na poilis fhathast.
"Dh'iarraidh sinn cuideachd air draibhearan san sgìre aig a bheil camarathan dash-cam sùil a thoirt air na chlàr iad, agus fios a chur air na poilis ma tha càil ann a bhiodh na cuideachadh san rannsachadh againn," thuirt i.