Taic bho Bhòrd na Gàidhlig do bhuidhnean coimhearsnachd tron lockdown
- Air fhoillseachadh

Thug Bòrd na Gàidhlig faisg air £200,000 not seachad do bhuidhnean coimhearsnachd tron lockdown.
Chaidh Stòras Taic Covid-19 a' bhùird a chur air dòigh tràth as t-samhradh 'son buidhnean a chuideachadh le na dùbhlain a thog ceann ri linn a' Choròna-bhìorais.
Chuir am bòrd £100,000 ma seach an toiseach ach chuir uidhir tagradh a-steach 's gun do dh'aontaich am bòrd £90,000 eile a chur ris an stòras.
Fhuair còrr is 50 buidhean taic bhon stòras.
Nam measg bha Stòrlann Nàiseanta na h-Alba a fhuair £32,000 'son a chosg air goireasan foghlaim a ghabhas a chleachdadh aig an taigh no mar phàirt de dh'ionnsachadh measgaichte.
Fhuair Buidheann Leasachaidh Horsiadair ann an Leòdhas sna h-Eileanan an Iar airgead airson oifigear pròiseict fhastadh 'son na h-iomairt aca Fallain san Dachaigh.
Tha a' bhuidheann ag amas air cothroman sòisealta agus ionnsachaidh a chruthachadh tro mheadhan na Gàidhlig.
Air-loidhne
Shoirbhich cuideachd le tagradh Companaidh Taigh-cluiche Robhanis, a tha cuideachd stèidhichte ann an Leòdhas.
Tha iadsan a' clàradh sreath de dhealbhan-cluiche Gàidhlig a bhios ri fhaighinn mar phod-chraolaidhean an-asgaidh.
Fhuair Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba cuibhreann den mhaoineachadh.
Thèid an t-airgead a fhuair iadsan a chosg air a bhith a' toirt fiosrachadh sàbhailteachd dhan phoball tron Ghàidhlig.
Thèid sin a lìbhrigeadh air-loidhne.
Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Màiri NicAonghais gun do thuig iad nuair a' sgaoil Covid-19 gum biodh buaidh aige air a' chànan agus na sgìrean anns a bheil a' Ghàidhlig ga bruidhinn.
"Cho-dhùin sinn gum feuchamaid taic a chur ri buidhnean Gàidhlig agus coimhearsnachdan Gàidhlig airson feuchainn ri beatha a chumail a' dol agus coimhead air, gu h-àraid, rudan a bha a' bualadh air slàinte agus sunnd dhaoine.
"Bha e dìreach do-chreidsinneach na fhuair sinn de dh'iarrtais, thuirt a' Bh.Ph. NicAonghais.