Gàidhlig luachmhor anns an Tobar
- Air fhoillseachadh

Tha cuid de na faclan co-cheangailte ri beatha làitheil chroitearan.
Thèid còrr is mìle facal, abairt is gnàthas-cainnt a chaidh a lorg ann an clàraidhean Thobar an Dualchais a chur ri corpas Faclair na Gàidhlig.
Tha pròiseact co-obrachaidh eadar Faclair na Gàidhlig agus Tobar an Dualchais (TAD) air a bhith a' dol bho 2018 agus fhuaireadh 1,200 facal is abairt Gàidhlig àraid bho chlàraidhean-fuaim a tha ri fhaighinn air làrach-lìn TAD, taobh a-muigh.
Tha Alasdair Caimbeul bho Fhaclair na Gàidhlig dhen a' bheachd gu bheil luach anns na lorg iad.
"Tha e gu math soilleir bhon obair a rinn sinn air na riochdan sgrìobhte de na clàraidhean aig Tobar an Dualchais gu bheil na sgrìobhaidhean seo a' dol a chur gu mòr ri corpas Faclair na Gàidhlig, gu h-àraidh a thaobh na fianais a bhios againn air dualchainntean, gnàthasan-cainnt, ìrean-cainnte, cultar nan Gàidheal agus cuid a chuspairean nach bi a' nochdadh ann an sgrìobhadh ro thric idir.
"Cha do choimhead sinn ach air taghadh car beag de chlàraidhean thuige seo, agus tha sinn mu thràth air faclan a lorg nach fhaighear sa chorpas againn no ann am faclairean an latha an-diugh.
"Leis na clàraidhean agus sgrìobhaidhean seo, 's urrainn dhuinn èisteachd ri agus sùil a thoirt air Gàidhlig bhrèagha, nàdarra ann an dualchainntean an luchd-labhairt fhad 's a tha iad ag innse dhuinn an dà chuid mu chùisean àbhaisteach agus annasach," thuirt e.
Thuirt Flòraidh Forrest, Stiùiriche TAD, gum bi na tar-sgrìobhaidhean na chuideachadh mòr do luchd-cleachdaidh làrach-lìn TAD.
"Bidh cothrom aca rannsachadh nas doimhne a dhèanamh fhad 's a tha iad ag èisteachd ri dualchainntean eadar-dhealaichte" thuirt i.
Thathar an dùil gun tèid pàirt den Fhaclair fhoillseachadh air-loidhne ann an 2021.