37 le Covid-19 ann am Baile nan Granndach
- Air fhoillseachadh

Dhùin Millers airson cola-deug nuair a thòisich an galar a' sgapadh san sgìre.
Chaidh an àireamh de dhaoine air a bheil an Coròna-bhìoras ann am Baile nan Granndach suas gu 37, le 34 dhiubh ceangailte ri taigh-spadaidh Millers.
Bho thòisich an sgapadh seo chaidh còrr air 600 deuchainn a dhèanamh air daoine anns an sgìre a sheall nach robh an galair orra.
Thèid Cròileagain Deshar ann an Coit a' Ghartain fhosgladh às ùr Dimàirt às dèidh dhaibh molaidhean fhaighinn bho Roinn Slàinte a' Phobaill.
Riaghailtean
Thuirt Stiùiriche Slàinte a' Phobaill airson NHS na Gàidhealtachd, an Dr Tim Allison, gu bheil an rannsachadh aca a' sealltainn gu bheil a' chuid as motha de na cùisean ceangailte ris an taigh-spadaidh.
"Ged a 's e deagh naidheachd a th' ann nach eil am bhìoras a' sgapadh anns a' choimhearsnachd, bu chòir cumail ris na riaghailtean a thaobh astarachadh-sòisealta, nighe ur làmhan tric, agus a' cumail air falbh bho dhaoine eile ma thig comharran den bhìoras oirbh", thuirt e.
Bidh ionad deuchainn aig Stèisean Smàlaidh Bhaile nan Granndach gu Diciadain an t-seachdain seo agus faodar deuchainn a chur air dòigh le bhith fònadh 0800 028 2816 no a dhol gu NHS Inform, taobh a-muigh.