Geàrr-chunntas air naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil an dùthaich gu lèir aig ìre chugallach leis a' Choròna-bhìoras leis mar a tha àireamh nan cùisean ùra 's fhìor èirigh air feadh Bhreatainn. Thàinig glasadh as ùr aig meadhan oidhche ann an Siorrachd Rinn Friù agus Taobh Sear Dhùn Breatainnn a bharrachd air na bh'ann mu thràth ann an Glaschu agus sgìrean mun cuairt. Tha riaghailtean ùra a' tighinn gu bith cuideachd a-nochd ann an Caerphilly ann an ceann a deas na Cuimrigh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun do dh'èirich an àireamh chùisean dearbhte de Chovid-19 ann am Baile nan Granndach gu seachd deug thar fhichead. Tha ceangal dearbhte eadar ceithir deug thar fhichead dhiubh sin agus Taigh Spadaidh Millers of Speyside. Thuirt am Bord Slàinte gur e deagh naidheachd a th'ann nach eil a' bhìoras a' sgaoileadh anns a' choimhearsanachd ach gu feum muinntir na sgìre a bhith furachail air eagal 's gun tachair sin.

Dh'iarr Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air an Aonadh Eòrpach a bhith nas sùbailte agus reusanta agus còmhraidhean malairt Bhrexit a' tòiseachadh as ùr an-diugh. Thuirt Rùnaire an Taigheadais, Robert Jenrick, gu bheil dòchas ann fhathast air aonta ach gu bheil an Rìoghachd Aonaichte deiseil 'son cùl a chur ris na còmhraidhean. Thuirt an t-Aonadh Eòrpach gu feum an dà thaobh gèilleadh gu ìre air cuspairean mar còirichean iasgaich agus taic-stàite.

Dh'innis companaidhean maorach na h-Alba dhan riaghaltas gu feum aonta a bhith ann 'son dàil a sheachnadh a' cur an stuth acasan a-null thairis. Thuirt am buidheann Seafood Scotland gu feum malairt gun mhaill a bhith ann bho thoiseach na h-ath bhliadhna no gu fulaing an gnìomhachas gu mòr.

Thuirt am Posta Rìoghail gun do làimhsich iad 1.1 billion nas lugha de litrichean anns na còig mìosan bho thòisich an lockdown. Ach bha an àireamh pharsalan suas còrr is an treas cuid aig 34%. Tha dùil aig a' Phosta Rìoghail ri call am bliadhna agus ri atharrachadh mòr nan dòighean obrach.

Thàinig rabhadh bho chuid de mhuinntir na Comraich gu feum turasachd san sgìre a làimseachadh gu eadar-dhealaichte bho seo a-mach. Tha fiù 's feadhainn a tha an sàs ann an turasachd san sgìre a' gearain gu bheil fada cus a' tadhal orra bho thogadh an lockdown. Agus tha teagamh ag èirigh cuideachd mu bhuannachd slighe an NC500 do choimhearsnachdan ri taobh an rathaid sin.