Prìomhachas dhan a' Ghàidhlig

  • Air fhoillseachadh
faclan
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh iarraidh gun tèid barrachd airgid a' chosg air stuthan teagasg ùra.

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na Rioghachd Aonaichte prìomhachas a thoirt do neartachadh foghlam Gàidhlig.

Thuirt Comataidh Eòlaichean na Comhairle Eòrpaich air Cànain Roinneil agus Mion-chànain nach eil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' dèanamh an dleastanais a thaobh na Gàidhlig no Albais.

Tha aithisg, taobh a-muigh na comataidh ag ràdh gum feum tuilleadh thidsearan Gàidhlig a bhith air an trèanadh agus gum feum barrachd airgid a bhith air a chosg air stuthan teagaisg ùra.

Thuirt iad le atharrachaidhean ann an Cairt Rìoghail a' BhBC agus le co-obrachadh nas fhèarr eadar Riaghaltas na h-Alba is Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil ionmhas airson craoladh Gàidhlig nas stèidhichte na bha e.

Bha iad den bheachd gun robh luchd-labhairt na Gàidhlig a' faighinn deagh sheirbheisean air radio agus telebhisean.

Mhol iad gum bu chòir barrachd a dhèanamh airson Albais a thaobh a bhith ga brosnachadh mar mhion-chànan.