Dragh mu astar ann an Druim na Drochaid

  • Air fhoillseachadh
Speed cameraTùs an deilbh, PA

Chaidh iarrtas a dhèanamh airson camara-astar aig Druim na Drochaid agus dragh ann mu cho luath sa tha trafaic a' dol tron bhaile.

Thuirt am BPA Dàibhidh Stiùbhart gun do dh'innis Còmhdhail Alba dhà gun deadh sgrùdadh a dhèanamh airson faicinn a bheil daoine a'dol tron bhaile ro luath.

Tha Mgr Stiùbhart ag ràdh gu bheil grunn dhaoine bhon a' bhaile air fios a chuir thuige nach eil draibhearan a' cumail ris an astar ceadaichte, an dèidh mar a chaidh ìsleachadh gu 30 mìle san uair ann an 2018.

Bailtean

Anns an Dàmhair an uiridh chaochail Chloe Mhoireasdan às a' bhaile nuair a bhuail làraidh innte fhad's a bha i a' coiseachd air a' chabhsair ri taobh an rathaid.

Thuirt Mgr Stiùbhairt gun do dh' innis Stiùiriche Rathaidean Còmhdhail Alba, Ùisdean Giles dha gun coimheadadh iad air dè cho luath sa bha carbadan a' dol tron bhaile ri taobh Loch Nis 's thuirt Poileas Alba gu bheil iadsan a' rannsachadh na cùise cuideachd.

Thuirt fear a tha fuireach ann an Druim na Drochaid, Iain Slater gu bheil a chuid as motha de charbadan a' dol nas luaithe na an t-astar a tha ceadaichte.

"Tha e coltach gur e Druim na Drochaid aon de na bailtean anns an sgìre aig nach eil camara astar", thuirt e.

Dh'fhoillsich Còmhdhail Alba liosta de 24 àite ann an Alba far an tèid camarathan astar a chur. Tha baile Abhaich air an Eilean Dubh agus tuath air Ulapul air an liosta dha na h-àitichean sin air a' Ghàidhealtachd.