Naidheachdan 11:00m

Tha Gòrdan Brown a-niste am measg nan seann Phrìomhairean a tha a' càineadh an atharrachaidh a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag iarraidh air Aonta Sgaraidh Bhrexit. Thuirt Mgr Brown nach dèanadh sin ach cron air an dùthaich gu lèir. Tha na seann Phrìomhairean Tòraidheach Theresa May agus Sir John Major am measg na chuir na aghaidh ron seo. Dh'aidich Riaghaltas Bhreatainn gu bheil an t-atharrachadh a' briseadh lagh eadar-nàiseanta, ach tha iad ag ràdh nach gèill iad ged a tha an t-Aonadh Eòrpach a' maoidheadh cùis-lagha orra mura h-atharraich iad am beachd ro dheireadh na mìos.

Dh'iarr Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba air a' BhBC cumail orra a' craoladh beò choinneamhan-naidheachd làitheil Riaghaltas na h-Alba air a' Choròna-bhìoras. Thuirt John Swinney gur ann à sin a tha mòran a' faighinn an fhiosrachaidh as ùire. Tha am BBC ag ràdh nach bi iad a' craoladh beò a-niste ach na coinneamhan far am bi naidheachd as fhiach, ach thuirt iad gum bi na diofar ghoireasan naidheachd aca fhathast ag aithris air a' choinneimh-naidheachd làitheil sin.

Leig an Rìoghachd Aonaichte fhaicinn gun do ràinig iad aonta le Iapan. Sin a' chiad aonta mòr le dùthaich eile às dèidh Bhrexit. Thuirt an Riaghaltas gum bi cha mhòr a h-uile dad a reiceas Breatainn ri Iapan saor bho tharaif. Tha iad ag ràdh gun cuir sin £1.5bn, mu 0.7%, ri eaconomaidh Bhreatainn.

Sheall na figearan as ùire gun tàinig fàs 6.6% air an eaconomaidh anns an Iuchar nuair a dh'fhosgail taighean-seinnse agus taighean-bìdhe 's an leithid a-rithist. Ach thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gu bheil toradh GDP na dùthcha fhathast faisg air 12% nas lugha na bha e mus do thòisich an Lockdown.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun do shoirbhich deuchainn airson fiodha coille a ghluasad air an rèile an Alba airson a' chiad uair ann an còrr is 10 bliadhna. Chaidh fiodhe à fìor cheann a tuath na h-Alba a tharraing a dh'Inbhir Nis air an rèile, rud a bha co-ionnan ri 250 làraidh mhòr air na rathaidean. Bha trì trèanaichean gach seachdain a' toirt an fhiodha à Gallaibh gu ruige Inbhir Nis. Chuir an Riaghaltas faisg air £200,000 ris an deuchainn a mhair sia seachdainnean.