Fèill mhòr air app spòrs sna h-Eileanan Siar

  • Air fhoillseachadh
Fòn-làimheTùs an deilbh, Getty Images

Chaidh an App Ghoireasan Spòrs aig Comhairle nan Eilean Siar a luchdachadh a-nuas còrr air 400 turas bho chaidh fhosgladh Diluain.

Leigidh an app le daoine cur-seachadan a chur air dòigh tron app, a thuilleadh air an fhiosrachadh as ùire fhaighinn mu ath-fhosgladh nan goireasan anns na h-eileanan an dèidh an Lockdown.

Gheibhear air a luchdachadh a-nuas an asgaidh air fòn-làimhe, le bhith a' sireadh CnES Sports Facilities air Google Play, no air bùth nan appaichean aig Apple.

"Tha e air a bhitih fìor mhath uiread de dhaoine fhaicinn a' cleachdadh an app air a' chiad sheachdain," thuirt Manaidsear Seirbheisean nan Goireasan Spòrs, Tony Wade.

Leudachadh

"Leigidh an app leinn fiosrachadh a chumail ris an luchd-cleachdaidh againn cho luath 's a nochdas e.

"Chan eil aig daoine ach ri "put sanasan" a cheadachadh, 's gheibh iad an naidheachd as ùire againn sa bhad," thuirt e.

Aig an ìre seo, chan eil air an app ach fiosrachadh co-cheangailte ri Ionad Spòrs Leòdhais, ach tha dùil ri fiosrachadh mu na trì goireasan eile a tha gan ruith leis a' Chomhairle - Ionad Spòrs na Hearadh, Ionad Spòrs Lìonacleit, agus Ionad Spòrs Bhàgh a' Chaisteil - sna làithean ri thighinn.

Airson an app a chleachdadh, feumar àireamh ballrachd agus PIN.

Gheibhear fiosrachadh bho islandinteam@cne-siar.gov.uk