Leasachadh Cidhe Ùige "dheth"
- Air fhoillseachadh

Tha dùil ri bàt-aiseig ùr an àite an MV Hebrides, ach tha maill mhòr air an t-soitheach ùr.
Chaidh planaichean gus ath-leasachadh a dhèanamh air cidhe Ùige san Eilean Sgitheanach a chur an dàrna taobh.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh na tagraidhean a fhuair iad bho luchd-togail uile ro dhaor airson a' mhaoineachaidh a chuir Còmhdhail Alba mu choinneimh a' phròiseict.
Bha dùil aig a' Chomhairle leasachadh a thoirt air a' chidhe, a tha na phàirt riatanach de na seirbheisean aiseig eadar an t-Eilean Sgitheanach, Uibhist a Tuath agus na Hearadh.
Dh'fhoillsich iad an naidheachd 's iad a' freagairt ceist bhon BhPA Làbarach 'son na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Rhoda Ghrannd.
Tha a' Chomhairle fhathast airson an cidhe ath-leasachadh ge-tà, thuirt iad, ach aig an ìre seo feumaidh iad coimhead uair eile ri mar a ghabhas an obair a mhaoineachadh.
Tha an obair a dhìth gus an cidhe a neartachadh, 's dùil ri bàt-aiseig ùr an àite an MV Hebrides - soitheach a tha gu mòr air dheireadh co-dhiù.
Mar sin dheth, thuirt iad, cha tèid an cidhe a dhùnadh rè ùine bhon t-Sultain an ath-bhliadhna mar a bha dùil.
Thèid an obair sin a chur air ais bliadhna.