Naidheachdan 11:00m

Bàsan

Sheall figearan ùra bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba gun deach àireamhan bàis na dùthcha an-àirde an treas chuid eadar an Giblean agus an t-Òg-mhios. Chaidh ochd deug mìle, dà cheud sa h-aon bàs a chlàradh anns an dàrna cairteal den bhliadhna - àrdachadh de chòrr is ceithir gu leth mìle air an ìre chuibheasaich. Bha Covid-19 ga choireachadh airson barrachd air ceithir fichead sa cheud de na bàis a bharrachd - ach bha àrdachaidhean mòra cuideachd sna h-àireamhan a chaochail le dementia agus tinneas Alzheimers - suas beagan air fichead sa ceithir sa cheud, agus le tinneas an t-siùcair, a dh'èirich sia thar fhichead sa cheud. Aig a' cheart am, thuit na chaidh a mharbhadh ann an tubaistean còmhdhail trì fichead sa naoi sa cheud, leis an àireamh a fhuair bàs le tinneasan anaileachaidh a' dol sìos còrr is fichead percent.

Covid-19 ann an Sasainn

Foillsichidh Boris Johnson riaghailtean Covid ùra an-diugh, a chuireas stad air daoine ann an Sasainn a bhith a' cruinneachadh ann am buidhnean de chòrr air sianar. Thig na cuingealachaidhean ùra a-steach Diluain, agus bheir iad buaidh air cruinneachaidhean a-mach agus a-steach air doras. Cha bhi iad a' bualadh air sgoiltean, àiteachan-obrach neo spòrs eagraichte. Chaidh cha mhòr ochd mìle agus ceithir cheud cùisean ùra do choròna-bhìoras a dhearbhadh san Rìoghachd Aonaichte bho thoiseach na seachdaine.

A' Ghrèig

Gairmidh riaghaltas na Grèige suidheachadh èiginneach air Eilean Lesbos far a bheil na mìltean de luchd-imrich air teicheadh bho chàmpa fhògarach a chaidh na theine. Bha trì deug mìle luchd-imrich gan cumail fo lockdown ann an càmpa Moria às dèidh cnap do chùisean Covid 19. Chan eil e air aithris gun deach duine sam bith a ghoirteachadh san teine, ach chaidh a' chuid mhòr den chàmpa a losgadh gu làr.

Casaidean muirt

Nochd fear aois seachd bliadhna fichead sa chùirt ann am Birmingham an-diugh fo chasaid gun do mhuirt e aon duine agus gun do dh'fheuch e ri seachdnar eile a mharbhadh. Thathas a' cur as leth Zephaniah MacLeòid a Selly Oak gur e bh' air cùl sreath de dh'ionnsaidhean sgeine ann am meadhan a' bhaile air an deireadh-sheachdain. Bhàsaich Iacob Billington, a bha trì bliadhna fichead, sna h-ionnsaidhean, agus tha fireannach agus boireannach fhathast ann an staid èiginneach san ospadal. Cha do rinn MacLeòid tagradh sam bith agus nochdaidh e sa chùirt a-rithist a-màireach.

Ioran

Feuchaidh oifigich Bhreatannach ri bhith an làthair aig èisteachdan ùra sam bith an aghaidh an neach-obrach carthannais, Nazanin Zaghari-Ratcliffe, a tha na prìosanach ann an Ioran. Bha an duine aice, Ridseard, air iarraidh gum biodh an Rìoghachd Aonaichte air a riochdachadh aig cùis lagha ùr, is e ag ràdh gu bheil a bhean fo chasaid gun robh i a' sgaoileadh propaganda an aghaidh an riaghaltais ann an Tehran.

Piranha

Dh'fhoillsich bòrd iasgaich air a' Ghàidhealtachd gun deach iasg piranha fhaighinn marbh ann an Abhainn Nis. Chaidh am piranha a lorg le fear de dh'oifigearan Bòrd Iasgaich Roinn Nis, 's e a' rannsachadh mar a chaidh dà iasg tropaiceach eile - Jaguar Cichlids - fhaighinn san abhainn ann an Inbhir Nis nas tràithe air an t-seachdain. Tha am bòrd den bheachd gun robh na h-èisg gan cumail mar pheataichean mus deach an leigeal ma sgaoil. Thuirt iad nach biodh am Piranha neo na Cichlids air maireachdainn fada san abhainn - ach gu bheil cunnart ann gun robh iad a giùlan ghalaran neo mialan a dh'fhaodadh cron a dhèanamh air èisg dhùthchasach.