Ceist mu dheuchainnean Covid-19

  • Air fhoillseachadh
Coròna-bhìorasTùs an deilbh, Getty Images

Tha Ball Pàrlamaid Gàidhealach air bruidhinn a-mach an dèidh mar a chaidh deuchainnean co-cheangailte ri cruinneachadh Covid-19 Bhaile nan Granndach a chur gu deuchainn-lann ann an Inbhir Nis nach b' urrainn dèiligeadh riutha agus an uairsin chaidh iad air chall.

Thog an Tòraidheach Eideart Mountain a' chùis, a tha a' buntainn ri dachaigh-chùraim, aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir Diardaoin.

Chaidh dearbhadh gu bheil am bhìoras air 37 duine ann am Baile nan Granndach, 34 dhiubh ceangailte ri cruinneachadh aig taigh-spadaidh, Millers of Speyside.

Adhbhar dragh

Thuirt Maighstir Mountain gur e adhbhar dragh a bh' anns na thachair leis na deuchainnean.

Thuirt am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon gun iarr i air Rùnaire na Slàinte coimhead ris a' chùis.

Bha i cuideachd ag ràdh gun robh obair mhòr - agus soirbheachail - a' dol ann an sgìre Bhaile nan Granndach gus smachd fhaighinn air a bhìoras.

Tuilleadh chùisean air Ghàidhealtachd

Cuideachd Diardaoin, chaidh trì cùisean eile dhen bhìoras a dhearbhadh ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd.

Tha 473 air a bhith ann uile gu lèir.