Rannsachadh poblach ga iarraidh mu roinn a' chùraim
- Air fhoillseachadh

Thuirt fear a chaill athair ri linn Chovid-19 ann an Home Farm ann am Port Rìgh gum bu chòir rannsachadh poblach a dhèanamh air dachaighean-cùraim ann an Alba agus an Coròna-bhìoras.
Thuirt an Comhairliche Sgitheanach, Iain Gòrdan, gu bheil modail a' chùraim "sgreamhail".
Chaochail deichnear ann an Home Farm nas tràithe am-bliadhna agus an Coròna-bhìoras ma sgaoil ann.
Dh'fhoillisich Coimisean a' Chùraim aithisg an t-seachdain seo chaidh a rinn dubh-chàineadh air ìre a' chùraim ann an Home Farm agus mar a bha a' chompanaidh HC-One air a bhith a' ruith na dachaigh.
Aig an aon àm, chaidh dearbhadh gun tèid Home Farm a cheannach le NHS na Gàidhealtachd.
Tha a h-uile coltas ann gun tèid cùisean-lagha a thogail an aghaidh HC-One is dà chompanaidh lagha a tha ag obair às leth nan teaghlaichean a chaill càirdean a' coimhead ris a' chùis.
Soillearachadh
Tha Iain Gòrdan am measg na tha a' dol gu lagh.
Thuirt e gu bheil feum air soillearachadh air na thachair ann an Home Farm agus ann an dachaighean eile air feadh na dùthcha.
"An do chaochail ar càirdean air sgàth pandemic eadar-nàiseanta no an tug gnothaichean eile buaidh air an t-suidheachadh?", thuirt an Comh. Gòrdan.
"Gu mì-fhortanach agus dìreach stèidhichte air fianais a tha mi fhin air cruinneachadh, tha e coltach gun robh barrachd na Covid-19 a' bualadh air seo.
"Tha mise gu mòr ag iarraidh rannsachadh poblach air dachaighean-cùraim is na thachair tron phandemic.
"Tha sinn airson atharrachadh fhaicinn anns an dòigh 's a tha cùram ga thoirt seachad ann an Alba.
Sgrùdadh
"Nam bheachd-sa tha guth gu math làidir aig calpachas ann an roinn a' chùraim.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil am modail a th' againn sgreamhail", thuirt e.
Thuirt a' chompanaidh PBW Law, a tha a' riochdachadh cuid de na teaghlaichean, gun sgrìobh iadsan gu Morair Tagraidh na h-Alba feuch am bi FAI ann mun chùis.
Thuirt iad cuideachd gun iarr iad air Riaghaltas na h-Alba rannsachadh mu dhachaidhean-cùraim agus Covid-19 a chumail gu poblach.
Tha iad ag ràdh gum bu chòir dha sin tachairt "gus am bi sgrùdadh ceart ann air riaghladh dhachaighean-cùraim".
Thuirt HC One gu bheil iad a' tuigse buaidh Covid-19 air an luchd-còmhnaidh aca, an càirdean agus an luchd-obrach agus gu bheil co-fhaireachdainn aca riutha.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An t-Sultain 2020
