Uilleam MacDhùghaill gus nochdadh sa chùirt

  • Air fhoillseachadh
Àrd-Chùirt Ghlaschu

Nochdaidh fear a tha fo chasaid gun do mhuirt e Renee NicRath agus a mac Anndra san Àrd-Chùirt ann an Glaschu an ath-mhìos.

Tha bliadhna ann bho nochd Uilleam MacDhùghaill à Penrith, a bha 77 aig an àm, gu prìobhaideach ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis is casaidean gan cur às a leth gun do mhuirt e an dithis, is gun do chuir e bacadh air ceartas.

Cha do rinn e tagradh sam bith is chaidh a leigeil ma sgaoil air urras.

Chan fhacas Renee NicRath, a bha 36, agus Anndra, a bha 3, bhon 12mh den t-Samhain 1976.

Chaidh an càr aig Renee a lorg loisgte ri taobh an A9 mu 10 mìle deas air Inbhir Nis.

Rinn poilis sgrùdadh foireansach aig Cuaraidh an Lèanaich air iomall Inbhir Nis an-uiridh.

Dhearbh Oifis a' Chrùin agus Seirbheis Neach-casaid a' Chrùin gu bheil dùil ri rò-èisteachd sa chùis san Àrd-Chùirt ann an Glaschu air an 12mh den Damhair.