An Rest dùinte a-rithist
- Air fhoillseachadh

Tha an A83 ann am Meadhan Earra-Ghàidheal fhathast dùinte madainn Diluain an dèidh maoime-slèibhe mòire eile air an deireadh-sheachdain.
Thàinig còrr air 200,000 tunna de pholl 's de chlachan a-nuas air an rathad an dèidh uisge thruim.
Chaidh an rathad fhosgladh a-rithist dìreach an t-seachdain seo chaidh an dèidh dha a bhith dùinte còig seachdainnean ri linn dà mhaoim-slèibhe.
Thuirt Bear Alba gu bheil gach cuid am prìomh rathad agus seann-rathad an Airm an iochdar Ghlinn a' Chrò - a thèid a chleachdadh mar as trice nuair a tha am prìomh rathad air a dhùnadh - dùinte, 's e air faileachadh air luchd-einnsinnìridh measaidhean sàbhailteachd a chrìochnachadh.
Bidh aig dràibhearan ri seach-shlighe 59 mìle de dh'fhaid a leantainn gus an gabh an rathad fosgladh às ùr.