Naidheachdan 11:00m
Thàinig bacadh gu bith ann an Alba an-diugh air cruinneachadh nas motha na sianar bho dhiofar dhachannan, a-muigh air neo a-staigh. Tha sin ann an taighean-bìdhe 's taighean-seinnse a bharrachd air dachannan. Chan eil an riaghailt ùr a' buntainn do leanabh nas òige na 12 bhliadhna. Thuirt Poileas Alba gun tèid iad an sàs far am feum iad ma tha briseadh soilleir anns an lagh.
Dh'aontaich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cùmhnant leis a' chompanaidh Fhrangaich Valneva airson faisg air 200m dòs de bhanachdach airson Covid-19. Ma bhios deuchainnean air a' bhanachdaich soirbheachail thèid 60m dòs a dhèanamh aig factaraidh Valvena ann am Baile Dhùn Lèibhe.
Tha an seann Phrìomhaire Dàibhidh Camshron air fear eile de na Tòraidhean a tha a' càineadh bile an Riaghaltais a bhiodh a' seachnadh pàirt de dh'aonta sgaraidh Bhrexit. Bhristeadh pàirt den reachdas lagh eadar-nàiseanta ach tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil e a dhìth airson dìon a chur air an aonadh eadar Breatann agus Èirinn a Tuath. Tha am bile airson margaidh air taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte a' dol gu deasbad ann an Taigh nan Cumantan feasgar agus bhòt a-nochd.
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh air ceithir bun-sgoiltean a dhùnadh agus air an treas cuid de na dreuchdan a ghearradh ann am feadhainn de na roinnean. Tha iad ag amas cuideachd air barrachd de na h-obraichean a tha air fhàgail a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh agus iad a' feuchainn ri £6m a chùmhnadh air an ath thrì bliadhna. Tha cuid den luchd-obrach ag ràdh gum feum iad gluasad gu Tìr-Mòr airson cosnadh.
Dh'aidich Comhairle na Gàidhealtachd nach eil airgead gu leòr aca an-dràsta airson tòiseachadh air leasachadh a' chidhe ann an Ùige san Eilean Sgitheanach. Thuirt a' Chomhairle gu bheil cosgaisean a' phròiseict air èirigh cho mòr agus nach eil airgead aca a bheir cùmhnant seachad. Chaidh maill air an obair mar-thà, ach bha i ri tòiseachadh an ath-bhliadhna. Tha a' Chomhaile ge-tà, agus Còmhdhail Alba, ag ràdh nach eil dad de dh'fhios aca cuin a thachras sin.
Tha dùil ri fios tràth feasgar mu shuidheachadh rathad an A83 aig an Rest and Be Thankful ann an Earra-Ghàidheal an dèidh maoime-slèibhe eile le uisge trom air an deireadh-sheachdain. Tha an rathad gu h-ìosal, seann rathad an Airm, dùinte cuideachd, a bharrachd air a' phrìomh rathad.