Setomaa: dùthaich eadar seo is siud

  • Air fhoillseachadh
Taigh cois an rathaid ann an SetomaaTùs an deilbh, Uldis Balodis
LeTeàrlach Quinnell
Fear-naidheachd

Tha Peko na chadal fo mhanachainn Phetseri.

'S esan Rìgh Setomaa - dùthaich bheag air gach taobh den chrìch eadar Eastòinia agus an Ruis, sa bheil mion-shluagh Fionnach-Ugrach a' cumail grèim air cultar sònraichte.

'S e a tha airidh air deagh chadal, 's e air iomadh rud math a thoirt do na Seto.

Tha Peko caran coltach ann an dòigh fharsainn ri John Barleycorn aig na Sasannaich - dia an eòrna, an fhogharach, 's a' ghrùdaidh.

Na àite, fhad 's a bhios e na chadal, bidh na Seto a' taghadh tànaiste, ris an can iad Ülemsootska, a bhios gan riochdachadh, agus a bhios mar eadar-mheadhanaiche eadar iad agus Peko.

Manachainn PhetseriTùs an deilbh, Uldis Balodis
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Peko na chadal fo mhanachainn Phetseri.

Thig an sluagh seo còmhla toiseach an Lùnastail anns an sgìre dhùthchais aca, an ear-dheas Eastòinia, deas air Loch Pihkva, airson Kuningriigipaev (Là na Rìoghachd).

'S ann air an là sin a thèid Ülemsootska ùr a thaghadh a h-uile bliadhna, 's fèis ga cumail sam faicear sgilean is obair-ciùird nan Seto, a thuilleadh air an rud as motha a tha gan sònrachadh mar shluagh - Leelo.

'S ann às an stoidhle seinn shònraichte seo, a tha còrr math is 1,000 bliadhna de dh'aois, a dh'èirich an Kuningriigipaev sa chiad dol a-mach.

Cluinnear eisimpleir de Sheto Leelo anns a' bhideo seo., taobh a-muigh

Ann an 1926 chum tè Anne Vabarna, a bha na Lauluema (Màthair Seinn) òran mòr eipiceach mu Pheko.

Cha robh sgrìobhadh aice, 's chaidh clàradh den òran a chumail san tasglann fad iomadh bliadhna.

Fearann is speuranTùs an deilbh, Uldis Balodis

An dèidh do dh'Eastòinia a neo-eisimeileachd a ghairm airson an dàrna turas toiseach nan 1990an, chaidh an clàradh seo a lorg, 's thòisich sin ath-bheothachadh mòr air cultar a bh' air a chur sìos gach cuid leis na Ruiseanaich a bha a' riaghladh Eastòinia bho thìde an Dàrna Cogaidh, agus leis na h-Eastònianaich fhèin.

'S e is ciall don fhacal Seto "seo-siud" bho na facail Eastònais "See" agus "Too".

Am broinn seipeil ùrnaigh thraidiseantaTùs an deilbh, Uldis Balodis
Fo-thiotal an deilbh,

Am broinn seipeil ùrnaigh thraidiseanta, ìomhaighean Ortodocsach, agus geugan beithe Pàganach, còmhla

Tha iad leagte gu leòr ris an ainm, 's fhios aca glè mhath cò iad - sluagh aig a bheil cultar eadar-dhealaichte a tha a' gabhail a-steach rudan bho shaoghal nan Eastòinianach (Seo) agus saoghal na Ruis (Siud).

Beagan Eachdraidh

Bha na h-Eastòinianaich, coltach ris na slòigh eile sna dùthchannan ris an canar an-diugh na Stàitean Baltach, nam Pàganaich gu math fada an dèidh don chòrr den Roinn Eòrpa gabhail ris a' Chrìosdaidheachd.

Nuair a sparadh a' Chrìosdaidheachd air an sgìre san 13mh Linn le cogadh naomh a rinn an t-Òrdugh Tiùtonach, chùm na Seto grèim air a' chreideamh aca leis gun robh iadsan a' fuireach air fearann a bha fo riaghladh Novgorod anns an Ruis - dùthaich a bha leis an Eaglais Ortodocsaich, agus mar sin, a bha na dùthaich Chrìosdail co-dhiù, 's nach robh na targaid do na Tiùtonaich.

Fuarain sheunta air taobh na Ruis den chrìchTùs an deilbh, Uldis Balodis
Fo-thiotal an deilbh,

Fuarain sheunta air taobh na Ruis den chrìch

Thar ùine, chaidh iad nan Ortodocsaich iad fhèin, ach chùm iad grèim air gu leòr den chreideamh dhùthasach aca - Peko na mheasg.

'S e seo, leis gu bheil eachdraidh chreidimh eadar-dhealaichte aig na h-Eastòinianaich, as motha a tha gam fàgail nan sluagh fa leth an-diugh.

Ann an 2002, ghairm Còmhdhail nan Seto an sluagh seo mar nàisean, 's iad a' faicinn cothrom ann an Eastòinia neo-eisimilich ùir, agus cunnart leis gun robh a' chrìoch ris an Ruis a-niste a' sgarradh 3/4 den dùthaich aca bho Eastòinia.

Cànan

Tha cànan nan Seto coltach ri Eastònais, ach chan ionnan na dhà, 's eadar-dhealachaidhean ann a thaobh briathrachais is gràmair.

Tha cuid a' cumail a-mach gur e a th' ann ach dualchainnt, ach chan eil na Seto fhèin a' gabhail ris a' bheachd sin.

Cluinnear an cànan, ga bruidhinn le Hõrn Aare, sa bhideo seo, taobh a-muigh.

A rèir chunntas-sluaigh Eastòinia, tha 12,500 Seto ann.

Tha trioblaid an seo ge-tà - 's ann air taobh na Ruis den chrìch a tha a' mhòr-chuid de Shetomaa.

Chan eil an Ruis ach air 127 Seto a chlàradh, anns an sgìre timcheall baile Pskov.

An ÜlemsootskaTùs an deilbh, Harri A. Sundell
Fo-thiotal an deilbh,

An Ülemsootska aig a' Khuningriigipaev

Tha na Seto fhèin a' tomhas gu bheil suas ri 300 Seto fhathast a' fuireach an sin ge-tà - a thuilleadh air suas ri 4,000 ann an Siberia, far an deach mòran a chur fo riaghladh nan Sòibheatach.

Den àireamh a th' ann an Setomaa, tha mu 6,000 duine a bhruidhneas an cànan - 50-60% de Sheto nas sine na 50, ach dìreach mu 10-20% den òigridh.

Bùthainnean aig a' KhuningriigipaevTùs an deilbh, Harri A. Sundell
ArmachdTùs an deilbh, Harri A. Sundell

"'S i dùthaich ioma-chànanach a th' ann an Setomaa," thuirt Hõrn Aare, a bha na Ülemsootska eadar 2018 is 2019.

"'S i Ruiseanais as trice a th' aig Seto òga a tha a' fuireach san Ruis bhon ghlùin.

"Ann an Eastòinia, 's i Eastònais as cumanta aig a' ghlùin. Ach tha cuideachd Seto a fhuair Beurla no Fionnlannais aig a' ghlùin.

"Thathas a' tomhas gum bàsaich Seto Keel mar chànan labhairteach san 25-30 bliadhna a tha romhainn.

Leelo

"Ach tha armachd dhìomhair againn - Seto Leelo.

Ceann-suidhe Eastòinia Kersti Kaljulaid a' bruidhinn ris an Ülemsootska aig a' KhuningriigipaevTùs an deilbh, Harri A. Sundell
Fo-thiotal an deilbh,

Ceann-suidhe Eastòinia Kersti Kaljulaid a' bruidhinn ris an Ülemsootska aig a' Khuningriigipaev

"Ge b' e càite a bheil na Seto a' fuireach - Eastòinia no thall an Siberia - ged a bhruidhneas iad cànan eile, seinnidh iad Seto Leelo.

"Tha còmhradh mòr a' dol am measg Seto air feadh an t-Saoghail an-dràsta mu mar a ghabhas an cànan labhairteach a ghlèidheadh - no ma thig briseadh, ciamar a ghabhas am briseadh sin cumail cho goirid 's a ghabhas.

"Tha sinn air a bhith a' coimhead ri mar a tha a' dol dha na Ceiltich - anns a' Chuimrigh agus cuideachd an Eilean Mhanainn.

"Tha dàimh làidir againn cuideachd ris na Lìbhich ann an Latbhia, 's na Bhòtaich, na h-Ingrianaich 's na Cairèilianaich anns an Ruis," thuirt e.

'S ann air taobh Eastòinia a tha cultar nan Seto beò gu fosgailte - a dh'aindeoin 's gu bheil Peko fhèin air taobh thall na crìche.

Dh'atharraich na Sòibheataich a' chrìoch eadar Eastòinia agus an Ruis, agus cha deach a dhearbhadh gu h-oifigeil riamh bho thàinig an USSR gu crìch.

Dreallag EastòinianachTùs an deilbh, Harri A. Sundell
Fo-thiotal an deilbh,

Dreallag Eastòinianach ga cleachdadh aig a' Khuningriigipaev

Fir a' dannsa aig a' KhuningriigipaevTùs an deilbh, Maie Itse
Fo-thiotal an deilbh,

Fir a' dannsa aig a' Khuningriigipaev

Bhìosa

Tha seo ag adhbhrachadh dhuilgheadasan do na Seto - 's bhìosa a dhìth orra 'son tadhal air trì chairteal den dùthaich thraidiseanta aca fhèin.

"Rugadh mo mhàthair ann an ospadal Phetseri ann an 1958, o chionn 's gun robh Petseri 4km air falbh bhon taigh, 's gun robh Võru, air taobh Eastòinia, mu 40km air falbh," thuirt Birgit Itse, Bana-Sheto a tha a' fuireach an Obar Dheathain.

"San ùine Shòibheataich, b' e an t-ospadal san do rugadh tu a bh' air clàr do bhreithe - mar sin dheth, do mo mhàthair, 's e sin Petseri (a tha an-diugh san Ruis).

"Nuair a dh'atharraich Eastòinia an siostam gu baile do dhachaigh bho chionn beagan is deich bliadhna, bha duilgheadas aice a cead-siubhail ùrachadh, o chionn 's gun deach a breith air taobh na Ruis den chrìch.

"Air a' cheann thall chaidh seo a chur ceart, ach cha mhòr nach b' fheudar dhi deuchainn cànain a dhèanamh a dhearbhadh gur e Eastòinianach a bh' innte!

"Tha i air a bhith ag obair còrr is 40 bliadhna na tidsear ann an Eastòinia!

"Ach a chionn 's nach ionnan àite a breithe a rèir nan Eastòinianach agus nan Ruiseanach, cha tèid aice air bhìosa fhaighinn airson tadhal air uaighean a càirdean san Ruis.

"Feumaidh i sin a dhèanamh air bhìosa turasachd - rud a th' air a chuingealachadh gu mòr.

Boireannaich a' dannsa aig a' KhuningriigipaevTùs an deilbh, Maie Itse

"Chaidh i ann anns a' Chèitean am-bliadhna, a' chiad turas aice ri taobh na h-uaghach ann an 29 bliadhna," thuirt Birgit.

Tha am prìomh rathad tro Shetomaa ann an Eastòinia a' dol tron Ruis 'son 900m, agus a' chrìoch a' lùbadh - rud ris an canar Bòt Saatse. Chan fhaodar stad, no dealbhan a thogail.

Ann am Bòt SaatseTùs an deilbh, Uldis Balodis
Fo-thiotal an deilbh,

Cha bu chòir dealbhan a thogail ann am Bòt Saatse...

Kuningriigipaev

'S ann às an òran eipigeach Peko a fhuaireadh beachdan airson tachartasan a bhiodh an lùib a' Khuningriigipaev, agus traidiseanan Crìosdail is Pàganach gam measgachadh ri chèile.

Taisbinidh na Seto an cuid sgilean do Pheko. Innsidh an Ülemsootska an uair sin dha gu bheil cultar nan Seto beò, 's nach biodh dragh aige.

Mar phàirt dheth, tha caismeachd armaichte.

ArmachdTùs an deilbh, Harri A. Sundell

Gabhaidh diofar earrainnean de dh'fheachdan armaichte nan Seto seachad gu riochdail air an Ülemsootska a thoirt urraim dhaibh.

Nam measg tha rocaidean mòra fad-astair air an dèanamh gu seòlta snasail de sheann bharaillean ola.

Tha cabhlach rib aca, 's an uair sin na saighdearan coise, air an uidheamachadh le acainn eagalach a' chidsin 's an t-sabhail, 's claidheamhan fiodha - dearbhadh do Pheko gu bheil na Seto deiseil is deònach seasamh aig duine a thig nan aghaidh.

Bidh riochdairean bho na diofar bhailtean, 's diofar chiùird a' gabhail seachad cuideachd.

Fear de na pàirtean as motha air a bheil fèill, 's e farpaisean Leelo, far am bi còisirean eadar-dhealaichte a' seinn an aghaidh a chèile.

"'S e an Kuningriikipaev am prìomh chothrom do na Seto air feadh an t-saoghail tighinn còmhla," thuirt Aare.

ArmachdTùs an deilbh, Harri A. Sundell

"Tha amas an là air atharrachadh thar nam bliadhnaichean.

"'S e cothrom a th' ann do na Seto iad fhèin a thaisbeanadh do Pheko.

"Mar a bhios iad a' dannsa, mar a bhios iad a' seinn, ri còcaireachd thraidiseanta, 's mar a tha iad a' cumail grèim air na traidiseanan aca.

Ìomhaigh fhiodha de PhekoTùs an deilbh, Harri A. Sundell
Fo-thiotal an deilbh,

Ìomhaigh fhiodha de Pheko

"Nuair a chaidh an là a chumail an toiseach 's a chaidh an Ülemsootska a thaghadh, b' e dreuchd aotrom a bh' ann.

"Nochdadh iad dà thuras sa bhliadhna, 's b' iad òstair a' Khuningriigipaev. Bha e gu math furasta.

"Ach tha na dleastanasan air atharrachadh thar ùine, mar a tha an Kuningriigipaev fhèin.

"A-niste, feumaidh tu a bhith gnìomhach gu làitheil.

"Tha thu coltach ri Dalai Lama nan Seto. Nàdar de phàrant a tha a' cumail a h-uile rud còmhla.

Ceann-suidhe Eastòinia, Kersti Kaljulaid, aig a' KhuningriigipaevTùs an deilbh, Harri A. Sundell
Fo-thiotal an deilbh,

Ceann-suidhe Eastòinia, Kersti Kaljulaid, aig a' Khuningriigipaev

"Cha bu chòir do na h-òraidean aca a bhith làn poileataigs, ach a bhith a' cur air adhart luachan agus bhuadhan.

"Tha iad air an aithneachadh mar riochdaire nàisean nan Seto air gach taobh na crìche.

"Chunnaic mi fhèin ann am Petseri, far a bheil a' mhanachainn, boireannaich gu math cràbhach a' tighinn chun an Ülemsootska ag iarraidh beannachaidh.

"An toiseach b' e rud a bh' ann ach tachartas tlachdmhor, ach tha e air a dhol na rud cudromach dha-rìribh," thuirt e.

Boireannaich Sheto ann an aodach traidiseantaTùs an deilbh, Harri A. Sundell

UNESCO

Ciamar a tha na h-Eastòinianaich a' coimhead ris na Seto ge-tà?

"O chionn 30 no 40 bliadhna, bha nàire, agus fiù 's an t-eagal, air na Seto aideachadh cò iad," thuirt Aare.

"Bha beachd ann am measg Eastòinianach nach robh na Seto glic, no foghlaimte, gum biodh iad ri breugan, 's ri droch chleachdaidhean.

"Ach an-diugh 's e sgeulachd shoirbheachais a th' anns na Seto.

Tuathanas ann an SetomaaTùs an deilbh, Uldis Balodis
Fo-thiotal an deilbh,

Tuathanas ann an Setomaa

"Thairis air na còig no sia bliadhna mu dheireadh, tha daoine iomraiteach an Eastòinia - cleasaichean, seinneadairean is eile air a ràdh gu bheil freumhaichean Seto aca.

"An rud a b' iongantaiche a thachair, 's e nuair a bha Ceann-Suidhe Eastòinia, Kersti Kaljulaid, an sàs gu h-oifigeil anns a' chiad là neo-eisimeileachd aice, gun robh aodach traidiseanta Seto oirre fhèin 's air an duine aice.

"A-niste 's e nàdar de dhrochaid a th' anns na Seto eadar Eastòinia agus na slòigh Fhionnach-Ugrach eile a tha a' fuireach san Ruis," thuirt e.

An teud-chleasaiche Seto Jaan Roose aig a' KhuningriigipaevTùs an deilbh, Maie Itse
Fo-thiotal an deilbh,

An teud-chleasaiche Seto Jaan Roose aig a' Khuningriigipaev

Chanadh tu mar sin, a dh'aindeoin nan duilgheadasan a thaobh na crìche, gu bheil na Seto ann an suidheachadh nas làidire na gu leòr shlòigh eile.

Tha mar a chruthaich iad an suidheachadh seo a-mach à òran na dhearbhadh, ma bha e a dhìth, nach eil iad a dhìth gliocais.

Cothrom deilbh aig a' KhuningriigipaevTùs an deilbh, Harri A. Sundell

Tha an saoghal a-niste a' toirt an aire dhaibh, 's UNESCO air Seto Leelo a chlàradh mar phàirt de Dhualchas Do-bheanailteach na Cruinne ann an 2009.

Chan eil na Seto deireannach ann a bhith a' cleachdadh a' chultair aca, 's na rudan a tha sònraichte mun bheatha làitheil traidiseanta aca gus luchd-turais a thàladh, le obair-ciùird agus bathair tuathanais gam margaideachd mar rudan sònraichte.

Dè ris a bheil dùil aca san àm ri teachd ge-tà?

"Tha dragh orm a thaobh mar a bhios gnothachean an ceann deich bliadhna no mar sin, gu h-àraid a thaobh a' chànain dheth," thuirt Aare.

"Ach le "Linn Deighe" air fàire, a thaobh cànain is eile, tha mi dìreach a' treabhadh air adhart leis a' bheachd gum feum thu a bhith cho làidir 's a ghabhas nuair a thig e, gus am fuirich an sìol gu lèir beò fon deigh, gus am bi cothrom a chur na dèidh.

"Tha mi dòchasach ge-tà, bhon san ùine sin, tha an dàimh eadar Seto air feadh an t-saoghail air fàs nas làidire - tha agus an ceangal ri an dùthchas.

"Feumar an dualchas a thoirt seachad do ghinealach ùr, 's tha leithid an eadar-lìn na chuideachadh mòr a thaobh sin. Feumar a dhèanamh gu h-eadar-nàiseanta.

Bratach nan Seto ga thogailTùs an deilbh, Harri A. Sundell

"Ma ghabhas sin dèanamh gu soirbheachail thairis air an 10 no 15 bliadhna a tha romhainn, mairidh sinn.

"Thug sinn an aire san dà bhliadhna mu dheireadh gu bheil an òigridh ag iarraidh Seto a bhruidhinn.

"Ach tha dà chnap-starra san rathad orra.

"Tha beachd aig feadhainn nas sine nach bruidhinn an òigridh gu math i, agus tha an t-eagal air an òigridh a bruidhinn san dòigh aca fhèin.

"'S e seo prìomh chuspair na h-ath Chòmhdhail Seto.

"Tha iad airson innse dhan òigridh dìreach a bhith ga bruidhinn cho math 's is urrainn dhaibh.

"Sin an aon dòigh air am faighear cànan air ais.

"Anns na 1960an dheadh do pheanasachadh airson Seto a bhruidhinn, 's tha gu leòr aig a bheil i gu math a roghnaich gun ach Eastònais a bhruidhinn ri an cuid chloinne gus an cumail sàbhailte.

"Chaidh seo cho fada 's gun robh tè dhiubh, nuair a bhiodh i anns a' bhàthaich, a' bruidhinn Seto ris a' bhoin, ach Eastònais ris na laoigh! Suids anns a' cheann," thuirt e.

Chaidh Birgit a thogail taobh a-muigh Setomaa, 's cha d' fhuair i an cànan na h-òige.

Tha i gu math moiteil gur e Seto a th' innte ge-tà.

ArmachdTùs an deilbh, Harri A. Sundell

"Chan eil cuimhne agam air mòran bruidhinn nam òige mu bhith nad Sheto, no fiù 's a' cleachdadh a' chànain," thuirt i.

"Ach nuair a bha mi nam dheugaire, 's a thòisich an Kuningriigipaev 's a leithid, bha e math a bhith a' tadhal air Setomaa 's a' cluinntinn mu deidhinn.

"Saoilidh mi gur e siud an t-àm a dh'fhairich mi moit nan Seto 'son a' chiad uair, a th' anns an fhuil.

"An fhèin-spèis aca. Fuilingidh iad gu leòr, ach tha moit mhòr annta, 's nuair a tha iad air gu leòr fhulang, fòghnaidh na dh'fhòghnas!

Tuathanas ann am baile air taobh na Ruis den chrìchTùs an deilbh, Uldis Balodis
Fo-thiotal an deilbh,

Tuathanas ann am baile air taobh na Ruis den chrìch

"Tha sin coltach rium fhèin.

"Saoilidh mi gun robh mi mu 16, 's dòcha, 's thog mo mhàthair dealbh dhiom 's aodach traidiseanta Seto orm 'son a' chiad uair.

"Mar dheugaire, bidh thu nad shuidhe mar a thogras tu, 's tu coma mu bhith riochdail.

"Ach sa bhad, nuair a chuir mi an t-aodach sin orm, bha mo dhruim dìreach, bha mo smiogaid an-àirde, 's bha mi gam chumail fhèin mar a chunnaic mi boireannaich Sheto 's an t-aodach sin orra," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh